Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig
DUAIS: Teisteanas Shabhal Mòr OstaigDÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich
DÈ CHO FADA: 7 seachdainean
CÒD:
NEACH-STIÙIRIDH: An Dr Timothy Currie Armstrong
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
MÌNEACHADH
A bheil ùidh agad anns a’ Ghàidhlig, ach gun an cothrom agad Gàidhlig ionnsachadh anns an sgoil? A bheil ùidh agad ann an dreuchd ùr anns a’ Ghàidhlig?
Tha an Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig na cùrsa bogaidh, làn-mhaoinichte ag amas air luchd-tòiseachaidh agus a’ leantainn gu àite air a’ chùrsa bhogaidh, iomraiteach, fad-bhliadhna againn, CertHE An Cùrsa Comais.
Às dèidh sin, faodaidh tu leantail ort gu DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte, BA (le Urram) Gàidhlig, BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam, air neo BA le Urram Gàidhlig le Leasachadh. Cuideachd, às dèidh An Cùrsa Comais a chrìochnachadh, faodaidh tu cur a-steach dhan DipHE Na Meadhanan Gàidhlig, no dhan PGDE Foghlam Gàidhlig ma tha ceum iomchaidh agus na riatanasan inntrigidh eile agad mar-thà.
Faodaidh tu cuideachd ceumnachadh le CertHE bhon Chùrsa Chomais mar chùrsa aon-bhliadhna ag amas air fileantachd.
SUSBAINT
Anns a’ chùrsa dhian seo, cuiridh tu seachad suas ri 30 uair a thìde gach seachdain, fad seachd seachdainean, a’ tòiseachadh 08 Iuchar 2024, a’ sgrùdadh a h-uile eileamaid dhen chànain, gad ullachadh a bhith a’ gabhail àite air a’ Chùrsa Chomais agus a’ dol an sàs anns na ceumannan againn anns an t-Sultain 2024.
Bidh cothrom agad pàirt a ghabhail anns a’ phrògram spòrsail againn de thachartasan cultarail is cànanach air àrainn na Colaiste anns an Eilean Sgitheanach.
Thèid sibh thairis air:
- fuaimneachadh na Gàidhlig;
- labhairt;
- leughadh;
- sgrìobhadh;
- Gàidhlig ann an Alba anns an latha an-diugh.
CUIR IARRTAS THUGAINN
CHAN EIL SINN A’ GABHAIL AN CÒRR IARRTASAN AIG AN ÌRE SEO.
Ma tha ùidh agaibh anns an Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig, lìonaibh agus cuiribh a-steach am foirm ùidh gu h-ìosal. Mus faigh sibh àite anns an Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig, feumaidh àite sealach a bhith agaibh anns a’ Chùrsa Chomais. Cuiribh fios gu ma tha ceist sam bith agaibh.
FEUMALACHDAN INNTRIGIDH
Feumaidh na teisteanasan a leanas a bhith agad air neo feumaidh tu a bhith ag obair dhan ionnsaigh:
- 3 teisteanasan Àrd-ìre SQA aig ìre BBC no nas fheàrr; air neo
- teisteanasan eile air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.
Bhiodh Àrd-ìre SQA ann an cànan eile seach Gàidhlig feumail, ach chan eil e riatanach.
Bidh agallamh agad (ann am Beurla) mus faigh thu àite air a’ chùrsa seo, agus a-rithist aig deireadh a’ chùrsa (ann an Gàidhlig), mus faigh thu àite air a’ Chùrsa Chomais.
Dhaibhsan a tha airson leantail orra gus an cùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta a dhèanamh, bidh aca ri deuchainn chiùil a dhèanamh le Stiùiriche a’ Phrògraim Chiùil.
Dhaibhsan a tha airson leantail orra gus an chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam a dhèanamh, bidh aca ri agallamh a chumail le Stiùiriche a’ Phrògraim Fhoghlaim.
TEISTEANASAN
Às dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ chùrsa, gheibh thu teisteanas coileanaidh bho Shabhal Mòr Ostaig mus tèid thu air adhart dhan Chùrsa Chomais.
COSGAISEAN
Tha an cùrsa seo làn-mhaoinichte dha 12 oileanaich. Bidh cìsean, biadh is àite-fuirich fad seachd seachdainean pàighte mar phàirt dhen chùrsa.
A’ cur a-steach iarrtas
ÀS DÈIDH A’ CHÙRSA
Thèid alumni Shabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air adhart gu dreuchdan matha ann an teagasg, ceòl, craoladh, leasachadh cànain is coimhearsnachd, rannsachadh, poileasaidh phoblach, ealain is litreachas, agus mòran eile. ’S e seo, an Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig, a’ chiad ceum agad a dh’ionnsaigh dreuchd soirbheachail anns a’ Ghàidhlig.