Skip to content

Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 1

DUAIS:
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH:
DÈ CHO FADA: 4 mìosan
CÒD:
NEACH-STIÙIRIDH: Anna Thirkell
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )

MÌNEACHADH

Bidh am modal seo ag àrdachadh comas agus misneachd thidsearan sa Ghàidhlig ann an suidheachadh obrach. Leasaichidh com-pàirtichean an tuigse air taobhan bunaiteach de ghràmar na Gàidhlig agus cuiridh am modal fòcas air na ceithir sgilean cànain, leughadh, sgrìobhadh, èisteachd is bruidhinn, ach an tèid cleachdadh cruinn na Gàidhlig a neartachadh airson ionnsachadh a stiùireadh ann an seòmar-teagaisg no airson a cleachdadh ann an seagh proifeiseanta. Cuirear fòcas air prìomh phuingean gràmair tro ghnìomhan aona neach, obair is com-pàirteachadh buidhne agus gnìomhan eadar-theangachaidh.

PDF Icon Leabhar-làimhe a’ chùrsa

Gàidhlig airson Luchd-teagaisg 1

SUSBAINT

Thèid Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 1 a lìbhrigeadh air-loidhne tro mheasgachadh de dhòighean-obrach sioncronach agus neo-shioncranach a’ cleachdadh àrainneachd ionnsachaidh bhiortail OGE (Brightspace). Thèid am modal a roinn ann an cnapan cola-deug, a bheir sùbailteachd do chom-pàirtichean obrachadh tro gach pàirt dhen mhodal san dòigh aca fhèin – ag obair troimhe beag air bheag no ann an aon chnap.

Bheir oideachadh-lìn agus coinneamhan beò an cothrom do com-pàirtichean agus oidean ‘coinneachadh’ ri chèile airson coimhearsnachd ionnsachaidh a stèidheachadh. Gabhaidh com-pàirtichean pàirt ann an gnìomhan anns na coinneamhan a bhrosnaicheas còmhradh proifeiseanta. Thèid bùird-brath co-obrachail a chleachdadh airson conaltradh proifeiseanta a leasachadh eadar com-pàirtichean, le fòcas air rannsachadh neach-cleachdaidh agus conaltradh proifeiseanta tron phrògram gu lèir.

Thathar a’ moladh gun deidheadh eadar ceithir is còig uairean a thìde a chur seachad air a’ mhodal gach seachdain, le beagan ùine a bharrachd aig amannan deuchainn. 

Tuigidh sinn an t-uallach proifeiseanta a th’ air tidsearan agus gur dòcha an dùbhlan a thaobh stiùireadh tìde leasachadh proifeiseanta a leantainn. ‘S e amas a th’ ann gum bi sùbailteachd anns a’ mhodal gus am bi e comasach do chom-pàirtichean fòcas a chur air na dleastanasan teagaisg làitheil aca fhad ’s a tha iad ag obair tron mhodal agus a’ cur crìoch air gnìomhan. Chaidh susbaint a’ mhodail a dhealbh airson ceangal gu dlùth ri practas, a’ toirt cothrom do chom-pàirtichean buaidh fhaighinn à prògram aig ìre àrd a tha air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Thathar an dùil gun leasaich com-pàirtichean an sgilean cànain tro chom-pàirteachadh is eadar-theangachadh agus iad a’ cur fòcas air na puingean gràmair a leanas:

  1. Fuaimneachadh
  2. An gnìomhair ‘bi’
  3. Gnìomhairean riaghailteach is neo-riaghailteach
  4. Gnè ainmearan agus an t-alt (singilte is iolra)
  5. Am modh neo-chrìochnach
  6. Roimhearan riochdail
  7. Tuisealan gràmair: ainmneach, tabhartach, ginideach agus gairmeach
  8. Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig

SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH

Tha Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 1 na phàirt den phrògram MEd Foghlam Gàidhlig, agus tha 20 creideasan na lùib aig ìre for-cheum SCQF 11.  Thèid na creideasan a gheibh thu air a’ mhodal seo a chleachdadh mar phàirt den MEd; feuch gum bruidhinn thu ri Stiùiriche a’ Mhodail ma tha ùidh agad seo a dhèanamh.

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

Tha Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 1 freagarrach do thidsearan mar a leanas:

  • tidsearan bun-sgoile is àrd-sgoile clàraichte le GTCS a tha ag obair an-dràsta ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh
  • tidsearan bun-sgoile is àrd-sgoile clàraichte le GTCS aig a bheil Gàidhlig agus bu mhath leotha teagasg ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh

COSGAISEAN

Tha am modal seo làn-mhaoinichte le Riaghaltas na h-Alba.

A’ CUR A-STEACH IARRTAS

Rachaibh chun a’ cheangal gu h-ìosal airson clàradh. Na gabh dragh ma tha e a’ sealltainn deit diofraichte anns am foirm iarrtais – cuiridh sinne sin ceart aig a cheann againne nuair a gheibh sinn an iarrtais agaibh.

https://www.studentjourney.uhi.ac.uk

 

Search

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578