CPD/LDL ann an Leasachadh Coimhearsnachd

DUAIS: CPD
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air-astar
DÈ CHO FADA: 1 bhliadhna
CÒD: N/A
NEACH-STIÙIRIDH: Sgioba Chùrsaichean air Astar
CUIR FIOS: CPD/LDL ann an Leasachadh Coimhearsnachd ( )

MÌNEACHADH

Chaidh an cùrsa Leasachadh Dreuchdail Leantainneach (LDL) ann an Leasachadh Coimhearsnachd a dhealbh gus na feumalachdan trèanaidh agus leasachaidh aig buidhnean Gàidhlig agus ùghdarrasan poblach a tha ag obair ann an coimhearsnachdan gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus ath-bheòthachadh.

Bidh e gu h-àraid feumail do dh’oifigearan leasachaidh Gàidhlig, oifigearan planadh cànain, luchd co-òrdanachaidh coimhearsnachd agus leasachaidh, agus luchd proifeiseanta foghlam na Gàidhlig.

Leanaidh oileanaich cùrsa fèin-oideachaidh le taic bho chlasaichean fòn agus goireasan ionnsachaidh air-loidhne. Bithear a’ sùileachadh gun gabh oileanaich pàirt ann an deasbadan anns a’ chlas agus ann am buidhnean beaga a’ coimhead air an rannsachadh as ùire agus air na dòighean obrach as fhèarr a gheibhear gu h-eadar-nàiseanta.

Faodar an cùrsa a leantainn pàirt-ùine agus air astar no air an làraich. Gu h-àbhaisteach, thèid aon mhodail a dhèanamh thairis air aon semeastar agus bidh dà chlas fòn ann gach seachdain.

 

SUSBAINT

Tha dà mhodal an lùib an LDL ann an Leasachadh Coimhearsnachd:

• A’ Ghàidhlig an-dè ‘s an-diugh (20 creideas)
• A’ Leasachadh Choimhearsnachdan Gàidhlig: Sgilean Practaigeach (20 creideas)

Tha e mar amas don chùrsa LDL:
• cothroman a thoirt do dh’oileanaich gus buannachd fhaighinn bhon teagasg, ionnsachadh agus rannsachadh den ìre as àirde ann an leasachadh cànain agus coimhearsnachd, le sùil gheur air Gàidhlig na h-Alba;
• na sgilean a leasachadh gus a bhith a’ dealbh airson leasachadh cànain agus coimhearsnachd le bhith a’ deasbad phoileasaidhean Eòrpach agus eile agus le bhith a’ toirt air oileanaich eòlas teòridheachdail ri ceumannan pragtaigeach ann an ath-bheòthachadh coimhearsnachd agus cànain;
• an cothrom a thoirt do dh’oileanaich sgilean dreuchdail agus proifeiseanta a leasachadh ann an raon leasachadh na Gàidhlig agus coimhearsnachd, no ann am foghlam, no raon proifeiseanta eile.

Tha na modailean an lùib an dà LPL aig ìre 8 agus 9 ann am frèam SCQF. Faic www.scqf.org.uk  airson tuilleadh fiosrachaidh air ìrean SCQF.

Faic an tuairisgeul mhodail airson gach modal gu h-ìosal:-

  A’ Ghaidhlig an-de ‘s an-diugh

  A’ Leasachadh Choimhearnachdan Gaidhlig

Tha taic oileanach ri fhaotainn anns a’ Ghàidhlig airson a h-uile oileanach a tha a’ dèanamh cùrsa LDL troimh mheadhan na Gàidhlig.

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

Tha inntrigeadh don chùrsa an urra ri Sabhal Mòr Ostaig. Thèid agallamh a chumail le neach-teagaisg agus bidh aig an fheadhainn a bhitheas a’ dèanamh a’ chùrsa troimh mheadhan na Gàidhlig ri eisimpleir den cuid Gàidhlig sgrìobhte a chur a-steach.