MA Ag Ionnsachadh agus a’ Teagasg (Na h-Ealain Ghàidhlig)

DUAIS: Cùrsaichean air Astar
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air-astar
DÈ CHO FADA: Trì bliadhna, pàirt-ùine
CÒD: 0W0F
NEACH-STIÙIRIDH: MA Ag Ionnsachadh agus a' Teagasg (Na h-Ealain Ghàidhlig)
CUIR FIOS: MA Ag Ionnsachadh agus a' Teagasg (Na h-Ealain Ghàidhlig) ( )

MÌNEACHADH

Tha Conservatoir Rìoghail na h-Alba, ann an com-pàirteachais le Sabhal Mòr Ostaig, a’ tabhainn a’ chùrsa for-cheum seo do luch-ealain a tha an sàs ann an cultar na Gàidhlig.

‘S e cleasaichean, luchd-ciùil, seinneadairean, luchd nan ealain fhinealta, luchd dràma, film is telebhisein, dealbhadairean, sgrìobhaichean agus stiùirichean aig a bheil Gàidhlig agus a tha airson an cuid sgilean foghlaim thar caochlach co-theacsa a neartachadh a tha fa-near sa phrògram seo. Tha cothrom an lùib a’ phrògraim airson barrachd eòlais fhaighinn air cultar na Gàidhlig, airson eòlas, sgilean is tuigse a leasachadh a leigeas leat foghlam èifeachdach a liubhairt is a sgrùdadh, agus airson pìos obrach a dhealbhadh is a chruthachadh a chuireas ri leasachadh do chuid eòlais ann am foghlam ealain na Gàidhlig.

Thèid am prògram a lìbhrigeadh air-loidhne, air sreath thursan deireadh-seachdain aghaidh-ri-aghaidh agus air greisean còmhnaidh goirid aig RCS agus aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Tha am prògram air a dhealbhadh gus an tèid agad air d’ obair phroifeiseanta a ghleidheadh agus gus an tèid cuid mhòr den ionnsachadh agad a dhèanamh ann an seagh obrach.

 

MA Ag Ionnsachadh agus a’ Teagasg (Na h-Ealain Ghàidhlig)
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578