DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig
DUAIS: Duais Leasachaidh PhroifeiseantaDÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air Astar,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 1 BHLIADHNA
CÒD: N/A
NEACH-STIÙIRIDH: An Dr Iain Mac a' Phearsain
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
FEARTAN SÒNRAICHTE
DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig
Laura NicIllinneinn air prògram Aithris na Maidne a’ bruidhinn ri Dòmhnall Moireasdan mun chùrsa eadar-theangachaidh
Tha an Duais Leasachaidh Phroifeiseanta (DLP) ann an Eadar-theangachadh Gàidhlig aig SCQF Ìre 11 na theisteanas SQA a’ dèiligeadh ri sgilean sònraichte ann an eadar-theangachadh agus ann an leasachadh coileantachd mar eadar-theangaiche proifeiseanta. Tha an teisteanas seo air a leasachadh ann an com-pàirteachas le institiudan foghlaim adhartach agus àrd-ìre, luchd-fastaidh agus gnìomhachasan. An dèidh an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig a chrìochnachadh gu soirbheachail, dh’fhaodadh na h-oileanaich aithne phroifeiseanta a shireadh le buidheann clàraidh proifeiseanta airson eadar-theangaichean.
SUSBAINT
Cò dha a tha an teisteanas freagarrach?
Tha an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig a’ freagairt orrasan a tha ag obair cheana mar eadar-theangaichean is iad airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air an eòlas, sgilean agus cleachdadh. Tha e cuideachd freagarrach dhaibhsan aig a bheil ìre àrd de chomas ann an Gàidhlig agus Beurla a tha airson a dhol tron phròiseas a dh’fheumar a leantainn gus a bhith mar eadar-theangaiche comasach a bhiodh ag obair aig ìrean proifeiseanta. Is iad na prìomh raointean ris am bithear a’ dèiligeadh an lùib na h-obrach ach planaichean Gàidhlig le buidhnean poblach, obair eadar-theangachaidh an lùib nam meadhanan, craoladh agus foillseachadh. Tha an teisteanas a’ gabhail a-steach:
- a bhith ag eadar-theangachadh theacsaichean bho Bheurla gu Gàidhlig is bho Ghàidhlig gu Beurla
- a bhith a’ measadh do chomais fhèin mar eadar-theangaiche a tha ag obair a rèir shlatan-tomhais proifeiseanta
- a’ planadh agus a’ cur an cèill leasachadh proifeiseanta leantainneach
Structar
Còd Duais Buidhne: GN67 (24 puingean creideis SCQF) Tha an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig aig SCQF ìre 11 a’ gabhail a-steach dà aonad a dh’fheumar a choileanadh.
HW02 38 | Eadar-theangachadh Theacsaichean bho Bheurla gu Gàidhlig is bho Ghàidhlig gu Beurla | 1. Ullachadh gus eadar-theangachadh 2. Eadar-theangachadh theacsaichean bho aon chànan gu cànan eile 3. Rianachd obair eadar-theangachaidh |
HW01 38 | Leasachadh do Chomais mar Eadar-theangair Proifeiseanta | 1. Measadh d’ obair mar eadar-theangair a tha ag obair a rèir shlatan-tomhais proifeiseanta 2. Dèanamh planadh agus cur an cèill an leasachaidh phroifeiseanta leantainneach agad fhèin. |
SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH
Chaidh na h-aonadan anns an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig am mapadh an aghaidh nan Inbhean Obrach Nàiseanta airson Eadar-theangachadh, aonadan PTra3 agus PTra4. Bhiodh an cothrom aig oileanaich a bhith a’ dol air adhart gu clàradh proifeiseanta.
FEUMALACHDAN INNTRIGIDH
Tha cothrom faighinn air an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig seo fo ùghdarras an ionaid. Ach, bhiodh e na bhuannachd do dh’oileanaich nam faigheadh iad na sgilean, eòlas agus tuigse a bhiodh riatanach ann an aonan no a bharrachd de na leanas, no teisteanasan co-ionann agus/no eòlas:
- Ceum sa chànan (no cànanan) buntainneach agus/no fileantachd no faisg air fileantachd/comas obrachaidh sa bhun-chànan agus sa chànan air a bheilear ag amas;
- Sgilean Eadar-theangachaidh (Translation Skills) SCQF Ìre 10*;
- Sgilean Deasachaidh (Editing Skills) SCQF Ìre 11*.
*Teisteanasan le Sabhal Mòr Ostaig – nach eil bho SQA
Bithear ag iarraidh air tagraichean iarrtas a chur a-steach sa Ghàidhlig is iad a’ mìneachadh nan teisteanasan a tha aca agus an eòlas buntainneach.
A’ cur a-steach iarrtas
Airson iarrtas a chur a-steach, thig gu làrach-lìn OGE an seo.
An sgioba againn
Air chùlaibh dùrachdachd a’ mhìneachaidh a gheibh thu dhen DLP Eadar-Theangachadh Gàidhlig tha daoine dha-rìribh a bhios ag obair mar sgioba teagaisg agus mar sgioba comhairleachaidh de dh’eadar-theangaichean còmhla riut fhèin is còmhla ri càch ‘s sibh air a’ chùrsa seo. Tha an sgioba againn làn eòlais eadar-theangachaidh feadh nam bliadhnaichean: bho eadar-theangachadh cruthachail gu eadar-theangachadh foirmeil; bho obair air prògraman cloinne (far am feum an cànan a bhith siùbhlach, so-thuigsinneach) gu filmichean aithriseach (far am feum meudachd nam faclan sna fo-thiotlan a bhith co-ionann ris na bh’ ann sa chiad chànan); bho leabhraichean bàrdachd (An Leabhar Liath nam measg) gu nobhailean an latha an-diugh; bho bhrath-naidheachd chomhairlean ionadail gu sanasachd ann am Pàircean Nàiseanta na h-Alba. Seo an dearbh sheòrsa eòlais is farsaingeachd taice a gheibh thu air a’ chùrsa againn.
Cùrsa Practaigeach
Smaoinich mun chùrsa againn an seo mar chùrsa còcaireachd. Tha beagan teòiridh a dhìth ort mus dèan thu càil sam bith sa chidsin no fhad ‘s a bhios tu sa chidsin. Ach ‘s e an rud as cudromaiche ach a bhith a’ bruich ‘s a’ tomhas, a’ rùsgadh ‘s a’ ròstadh: a bhith a’ dèanamh an dearbh rud, còcaireachd, air a bheil an cùrsa ag amas. Mar an ceudna dhuinne: ‘s ann a bhios tu a’ dèanamh eadar-theangachaidhean agus sin gu tric ‘s gu minig, bho Bheurla gu Gàidhlig is bho Ghàidhlig gu Beurla. Agus a bharrachd air sin, bidh thu a’ faighinn mholaidhean air ais bhon sgioba theagaisg agad a cheart cho tric ‘s cho minig is iad a’ blasad air na rinn thu ‘s a’ toirt dhut an tuilleadh stiùiridh a bhios feumail gu mathas na h-obrach agad: an teacsa eadar-theangaichte fhèin.
A’ Cur A-steach
Airson iarrtas a chur a-steach, thig gu làrach-lìn OGE an seo.