PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig)
DUAIS: Dioplòma For-cheumnach ann am Foghlam,For-cheumDÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Air Astar,Làn-ùine
DÈ CHO FADA: 1 Bliadhna
CÒD: X130
NEACH-STIÙIRIDH: Gwen C. NicGuaire
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig)
Le foghlam Gàidhlig a’ sìor leudachadh, tha e cudromach gum bi cothroman ann do dh’oileanaich a dhol an sàs ann am prògraman teagaisg a bhios gan deasachadh airson dreuchd phroifeasanta ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil. Tha Sabhal Mòr Ostaig mar phàirt de lìonra OGE a bhios a’ tabhann PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig), teisteanas teagaisg for-cheum aon-bhliadhna, làn-ùine. Ged a tha an cùrsa air a thabhann ann an grunn cholaistean air feadh lìonra OGE, bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt seachad cothrom a bharrachd sgilean cànain a thoirt air adhart ann an àrainneachd bhrosnachail, làn-bhogaidh Ghàidhlig.
Tha Sgeama na Bursaraidh Teagaisg ann an Alba a’ toirt seachad bursaraidhean de £20,000 a tha fosgailte dhaibhsan a tha airson teagasg ‘Foghlam Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig’, ‘Gàidhlig mar Chànan/Cuspair aig ìre Àrd-sgoile’ agus ‘Gach Cuspair Àrd-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig’. Gheibhear fiosrachadh a bharrachd an seo: teachingbursaryinscotland.co.uk
Susbaint a’ Chùrsa
A bharrachd air obair colaiste, bidh oileanaich a’ cur seachad 19 seachdainean ann an diofar bhun-sgoiltean a bhios a’ tabhann foghlam Gàidhlig tron bhliadhna gus na sgilean proifeasanta aca a leasachadh. Bidh clasaichean ann am Practas Proifeasanta ann am foghlam Gàidhlig air an lìbhrigeadh le oidean Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig aig a bheil deagh eòlas air foghlam Gàidhlig. Bidh oileanaich a tha an sàs ann an teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig cuideachd air an oideachadh sa chuspair sònraichte aca anns a’ Ghàidhlig.
Taic a bharrachd
Tha cothrom a bharrachd ann sgilean cànain a leasachadh ann an clas sònraichte gach seachdain sa cholaiste. Dh’fhaodadh taic-airgid a bharrachd a bhith ann do dh’oileanaich a tha airson a dhol an sàs ann am foghlam Gàidhlig.
Feumlachdan Inntrigidh
Feumaidh na leanas a bhith aig tagraichean sam bith chun an PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig):
- ceum freagarrach aig ìre fo-cheum;
- teisteanas Matamataig aig ìre Nàiseanta 5 (no a leithid); AGUS
- teisteanas Beurla aig Àrd-ìre (no a leithid).
Thèid measadh a dhèanamh air comas Gàidhlig nan tagraichean cuideachd mar phàirt den phròiseas inntrigidh.
Fiosrachadh a bharrachd
Bidh sinn cuideachd a’ tabhann cùrsa PGDE Foghlam Àrd-sgoile (Gàidhlig).
Tha barrachd fios mu structar a’ chùrsa air làrach-lìn OGE.
Gheibhear fios a bharrachd mun t-slighe Ghàidhlig bho Gwen NicGuaire aig Sabhal Mòr Ostaig: .