Skip to content
Picture of an accordian

Cumhachan is Cùmhnantan 2022-2023

1. Cùmhnantan pàighidh
Feumaidh gach cuid cosgaisean teagaisg agus àite-fuirich a bhith pàighte ro thoiseach nan cùrsaichean, air neo taobh a-staigh 30 latha an dèidh cùnntas fhaighinn, às bith dè as luaithe. Cha tèid àite glèidhte a ghealltainn gus an tèid cosgaisean a phàigheadh, ach chan eil sin na dhearbhadh gum bi cùrsa dol air adhart. Ma tha duilgheadas aig oileanach sam bith le pàigheadh chosgaisean mus tòisich an cùrsa, faodaidh iad bruidhinn ri Sgioba nan Cùrsaichean Goirid agus thèid gach oidhirp chothromach a dhèanamh airson an suidheachadh aca leasachadh. Feumaidh a’ Cholaiste cead a dhiùltadh do neach sam bith nach eil air an cuid chosgaisean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa.

Faodar pàigheadh le airgead, seic no cairtean sònraichte. Gabhaidh airgead a chur tarsaing bhon bhanca agaibh do bhanca Shabhal Mòr Ostaig, ach ma tha cosgais a bharrachd ann, ‘s e an t-oileanach a phàigheas sin, is chan e a’ Cholaiste.

Ma tha dragh oirbh mu chosgaisean cùrsa, cuiribh fios gu Oifis nan Cùrsaichean Goirid air +44 (0)1471 888 240 no tro post-d agus gheibh sibh stiùireadh iomchaidh.

2. Gluasad gu cùrsa eile, a’ cur cùrsa dheth, gun a bhith a’ nochdadh
Feumaidh duine sam bith a tha airson tarraing a-mach à cùrsa, no airson gluasad gu cùrsa eile, fios a leigeil gu Sgioba nan Cùrsaichean Goirid le litir no post-d, agus gheibh iad fios sgrìobhte air ais.

2.1 Gluasad (Cùrsa agus Àite-fuirich)
Chan eil cosgais ann airson àite air cùrsa a ghluasad gu àm eile agus gabhaidh sin dèanamh fhad ‘s a tha àite air fhàgail sa chùrsa sin airson duine eile agus fhad ‘s a tha àite-fuirich ri fhaighinn aig an àm ùr. Ma tha cìs nas àirde ann, feumar seo a phàigheadh.

2.2 A’ cur cùrsa dheth
Leis a’ Cholaiste:

Tha e iomchaidh àireamh shònraichte de dhaoine a bhith gan clàradh gus an urrainn don chùrsa a dhol air adhart. Faodaidh Sabhal Mòr Ostaig cùrsa a chur dheth mura bi na h-àireamhan àrd gu leòr agus moladh air ceann-latha eile no cùrsa eile a thabhann agus/no cosgais a phàigheadh air ais dhan oileanach gun bhuailteachd sam bith airson call sam bith a dh’èireas. Feumar co-dhiù còignear (5) airson cùrsa a ruith, mar as àbhaist.

Leis an Oileanach:

Thèid na riaghailtean is cìsean seo a chur an sàs ma chuireas sibh às dhan iarrtas agaibh, ach nuair a thathar feumach air sùim tasgaidh nach tèid a thilleadh.

Àireamh de làithean ro thoiseach a’ Chùrsa:-

21 latha-obrach: Thèid na cosgaisean uile a phàigheadh air ais.

15–20 latha-obrach: Thèid 75% de na cosgaisean a phàigheadh air ais.

11–14 latha-obrach: Thèid 50% de na cosgaisean a phàigheadh air ais.

0–10 latha-obrach: Chan fhaighear cuibhreann de na chaidh a phàigheadh air ais.

Far a bheil sùim ann nach fhaighear air ais, thèid an t-sùim sin a chumail bhon airgead a thèid a thoirt air ais. A thaobh cosgaisean àite-fuirich, thèid 10% den chosgais a chumail air ais mar chìs airson tarraing a-mach taobh a-staigh de 21 latha ro thoiseach a’ chùrsa.

2.3 Gun a’ bhith a’ nochdadh air cùrsa
Mas e is nach nochd duine tha air clàradh air cùrsa, thèid a chosgais gu lèir a chumail no iarraidh. Thèid fios a chumail air airgead nach eil pàighte a chumail air clàr. ‘S math dh’fhaodte gun toireadh sin buaidh air cothroman air cùrsaichean aig amannan eile.

3. Poileasaidh na Colaiste
Feumaidh oileanaich an seisean clàraidh a fhrithealadh. Sin an t-àm anns an tèid fiosrachadh a thoirt seachad air: seòmraichean teagaisg, stiùireadh air an làraich, luchd-teagaisg, cur-seachadan feasgair agus fiosrachadh iomchaidh eile airson na seachdaine. Bidh aig gach neach foirm clàraidh a lìonadh air sgàth adhbharan sgrùdaidh.

3.1 Modh
Le bhith clàradh airson cùrsa tha sin a’ ciallachadh gu bheil oileanach a’ gabhail ri poileasaidhean na Colaiste gu lèir, modh agus riaghailtean nan clasaichean nam measg. Tha gach poileasaidh riatanach ri fhaicinn tro làrach-lìn na Colaiste gu h-ìosal.

3.2 Giùlan
Faodaidh a’ Cholaiste, airson oileanaich agus luchd-obrach a dhìon, oileanach sam bith nach eil gan giùlain fhèin mar bu chòir no a tha mì-mhodhail ann an dòigh sam bith a chur far a’ chùrsa mar a bhios freagarrach.

4. Dìon Dàta
Feumaidh fiosrachadh mu oileanaich a bhith clàraichte air coimpiutairean na Colaiste airson obair rianachd. Tha gach oileanach a’ gabhail ri sin mar phàirt den chlàradh aca air cùrsa. Thèid am fiosrachadh sin a chumail a rèir Poileasaidh Dìon Dàta aig Sabhal Mòr Ostaig agus chìthear an Sanas Dìomhaireachd gu h-ìosal.

5. Sabhal Mòr Ostaig (a’ Cholaiste)
Tha am fiosrachadh air an làraich-lìn seo ceart aig an am a chaidh a sgrìobhadh. Faodaidh gun atharraich fios sam bith anns na duilleagan fiosrachaidh no clàran-ama bho àm gu àm, mun tèid no às dèidh dha oileanach clàradh. Faodaidh a’ Cholaiste, mar a fhreagras aig àm sam bith, airson adhbhar sam bith, cùrsa a chur dheth, cùrsa atharrachadh, pàirtean de chùrsaichean is cur-seachadan feasgar is eile atharrachadh mar a dh’fheumas, gun bhuailteachd sam bith a ghabhail airson sin.

6. Dleastanas Cùraim
Tha Dleastanas Cùraim aig a’ Cholaiste do na h-oileanaich uile, agus uallaichean a bharrachd mu choinneimh òigridh fo aois 18 a bhios ann an àrainneachd inbheach air làrach na Colaiste. Thoiribh sùil air na leanas:

Ma tha an neach òg 12, 13, 14 no 15 bliadhna a dh’ aois, tha uallach air inbheach iomchaidh gus an neach òg a thoirt don Cholaiste agus na neach òg a thogail às dèidh nan clasaichean.

Ma tha neach sam bith a’ fuireach fad oidhche no nas fhaide na oidhche ann an àite-fuirich na Colaiste (a’ gabhail a-steach luchd campachaidh), a tha nas òige na aois 16, FEUMAIDH inbheach le uallach air an son fuireach air an làraich fhad ‘s a tha iad ann.

Tha e ceadaichte do dh’òigridh a tha 16 no 17 bliadhna a dh’aois fuireach fad oidhche cho fad ‘s a tha cead sgrìobhte bho phàrant aige/aice.

A bharrachd air Seachain nan Teaghlach, chan àbhaist dhuinn àite a thoirt do chloinn nas òige na 12 bliadhna a dh’aois.

7. Clàradh air-loidhne
Cho luath ‘s a thèid cùrsaichean a chur air dòigh, chithear iad air-loidhne agus chì daoine aig àm sam bith dè na cùrsaichean a tha fosgailte far am faodar clàradh air an son – dìreach tagh do chùrsa an seo. Ma tha cùrsa làn, cha ghabh clàradh a dhèanamh air-loidhne; ach mas e sin an aon chùrsa a fhreagras oirbh, cuiribh fòn agus innsibh dhuinn mun t-suidheachadh, agus cuiridh sinn air liosta sibh airson àite ma tharraingeas cuideigin a-mach. Ma tha gu leòr ainmean ann airson cùrsa a tha ‘làn’, ‘s dòcha gun gabh dà chùrsa a chur air dòigh aig an aon ìre aig an aon àm. Airson oileanaich nach urrainn clàradh air-loidhne airson adhbhar sam bith, gheibhear stiùireadh an seo.

Bidh sinn a’ moladh do dh’oileanaich gun a bhith a’ dèanamh an aon chùrsa chànain còrr is trì tursan agus gun tèid iad air adhart don ath ìre ma tha sin idir comasach.

Ged is dòcha gum b’ fheàrr le cuid a dhaoine teagasg de sheòrsa sònraichte agus neach-teagaisg sònraichte, chan dèanar an aon adhartas bho bhith ag ionnsachadh san dòigh sin. Aig àm clàraidh, chan fhaodar clàradh airson còrr is aon chùrsa gach seachdain.

Tha am fiosrachadh air an làraich-lìn seo ceart aig an àm a chaidh a sgrìobhadh.

‘S dòcha gun atharraich fios anns na duilleagan fiosrachaidh no clàran-ama bho àm gu àm mus clàraich oileanaich no an dèidh dhaibh clàradh. Faodaidh a’ Cholaiste, mar a fhreagras aig àm sam bith, airson adhbhar sam bith, cùrsa a chur dheth, cùrsa atharrachadh, pàirtean de chùrsaichean is cur-seachadan feasgair is eile atharrachadh mar a dh’fheumas, gun bhuailteachd sam bith a ghabhail airson sin.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578