
CÙRSAICHEAN AIR ASTAR
Às bith càite bheil thu san t-saoghal, tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh air-loidhne còmhla rinn. Tha na cùrsaichean air astar aig Sabhal Mòr Ostaig air an dealbh gus làn chothrom a thoirt do dh’oileanaich a bhith a’ fàs fileanta sa chànan agus a’ dol air adhart gu cùrsaichean tro mheadhan na Gàidhlig.
Bhiodh e math dhut tòiseachadh air an t-sàr chùrsa, An Cùrsa Inntrigidh, mura h-eil ach glè bheag de Ghàidhlig agad fhathast. Ma tha beagan Gàidhlig agad, no ma tha thu air Gàidhlig ionnsachadh gu ìre air choreigin roimhe, bu chòir dhut smaoineachadh air Bann-luath a’ Chùrsa Inntrigidh no clàradh air a’ Chùrsa Adhartais, an ath cheum a dh’ionnsaigh fileantas sa chànan. Bidh an dà chùrsa a’ cur cuideam air sgilean èisteachd is labhairt agus a’ toirt misneachd dhut gus Gàidhlig a bhruidhinn bho latha gu latha.
Faodaidh tu a dhol air adhart don dàrna bliadhna de chùrsaichean ceuma na Colaiste às dèidh dhut crìoch a chur air a’ Chùrsa Adhartais, agus cothrom agad airson modalan a thaghadh ann am bàrdachd Ghàidhlig, beul-aithris agus an sgeulachd ghoirid.
Tha a’ Cholaiste cuideachd a’ tairgsinn chùrsaichean ann an leasachadh proifeiseanta do thidsearan tron phrògram Streap, agus cothroman do dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig airson nan sgilean sgrìobhaidh aca a thoirt air adhart tron chùrsa air-loidhne, Sgilean Sgrìobhaidh.
Às bith dè an cùrsa air a bheil thu, gheibh thu nas urrainn de thaic bho luchd-teagaisg agus luchd-obrach na Colaiste agus cothrom sònraichte gus càirdeas a thogail le oileanaich is luchd-ionnsachaidh eile air feadh an t-saoghail.








LDL Leasachadh Coimhearsnachd
Chaidh an cùrsa Leasachadh Dreuchdail Leantainneach (LDL) ann an Leasachadh Coimhearsnachd a dhealbh gus na feumalachdan trèanaidh agus leasachaidh aig buidhnean Gàidhlig agus ùghdarrasan poblach a tha ag obair ann an coimhearsnachdan gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus ath-bheòthachadh.

LDL Leasachadh Cànain
Chaidh an Cùrsa Leasachadh Dreuchdail Leantainneach (LDL) ann an Leasachadh Cànain a dhealbh gus na feumalachdan sònraichte (sic) trèanaidh agus leasachaidh aig na buidhnean Gàidhlig agus ùghdarrasan poblach a dh’fheumas Planaichean Gàidhlig a dhealbh agus a chur an gnìomh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.