Skip to content
Picture of two students

Cùrsaichean Goirid – Àite-fuirich 2022

Tha seòmraichean en-suite ri fhaighinn ann an Àrainn Chaluim Chille agus Àrainn Ostaig. Tha tubhailtean is anart-leapa agus goireasan tì is cofaidh ann an gach seòmar, agus tha frids, sinc, microwave, cupannan, truinnsearan, sgeanan is forcaichean anns na seòmraichean no anns na cidsinean, ach chan eil cucaran ann (ach sa Phenthouse) ach tha na prìsean seo a-toirt a-steach bìdh bho àm dìnnearachd air an oidhche mus tòisich a’ chùrsa gu àm lòn air latha mu dheireadh a’ chùrsa.  Cha b’ àbhaist dhan chidsin againn a bhith fosgailte aig àm dìnnearach Disathairne.  Cha bhi lòn ri fhaighinn Disathairne no Didòmhnaich.

Faodar innealan-nigheadaireachd a chleachdadh an dèidh 4.00f.

Bracaist Albannach neo continental, lòn (prìomh thruinnsear neo brot ‘s ceapaire) agus dìnnear (prìomh thruinnsear agus mìlsean) an cois nan cìsean (ach gun deoch ‘s snacks) ach Seachdain nan Teaghlach, àm na deiridh-sheachdain mar a tha air a mhìneachadh gu h-àrd, agus Penthouse far a bheil goiresan còcaireachd ri fhaighinn.

Seòmraichean Singilte
Cìs do dh’Inbhich (16 bliadhna a dh’aois is nas sine)
£325 fad 5 oidhcheannan – £65 gach oidhche, £48 Disathairne

Cìs do Chloinn (0-15)/Oileanaich
£260 fad 5 oidhcheannan – £52 gach oidhche, £38 Disathairne

Seòmar le Dà Leabaidh
Cìs do dh’Inbhich
£585 fad 5 oidhcheannan – £117 gach oidhche, £84 Disathairne

Cìs do dh’Oileanaich
£455 fad 5 oidhcheannan – £91 gach oidhche, £65 Disathairne

Clann (0 – 15)/Oileanach agus Inbheach
£510 fad 5 oidhcheannan – £102 gach oidhche, £72 Disathairne

Seòmar Teaghlaich
Chan eil ach 2 Sheòmar Teaghlaich ri fhaighinn (3 anns gach seòmar, aon leabaidh airson dithis, aon airson aonair)
£775 fad 5 oidhcheannan – £155 gach oidhche, £97 Disathairne.

Mullach an Tùir
1 Seòmar Dùbailte is 1 Seòmar Dà Leabaidh, Seòmar-suidhe, Seòmar-frasair, Cidsean, £220 gach oidhche, ach chan eil am prìs seo a’ toirt a-steach bìdh bhon a tha goireasan còcaireachd ann.  Faodar biadh a cheannach sa taigh-bìdh againn ma thogras sibh.

Ciorram
Tha seòmraichean dha daoine ciorramach ri fhaotainn.

Àite-fuirich san sgìre
Tha taighean-òsta, leabaidh is bracaist is àiteachan-fuirich fèin-fhrithealaidh ri fhaotainn san sgìre, mas fheàrr leat no ma bhios a’ Cholaiste làn – gheibhear liosta dhiubh gu h-ìosal:

B&B no rach gu Visit Scotland no Visit Sleat.

Campadh aig a’ Cholaiste
Chan e àite-campa oifigeil a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig, ged a tha e ceadaichte teanta no carbad-comhnaidh a thoirt dhan làraich.  Faodar biadh a cheannach san seòmar-bìdh.

Faodar an stiùireadh às ùire againn fhaicinn an seo.

Ma tha an tuilleadh fiosrachaidh a dhìth, nach cuir thu fios gu Roinn Aoigheachd air +44 (0)1471 888 000 no air