Skip to content

CÙRSAICHEAN GOIRID NA CÀISGE 2024

Fàilte ort do phrògram Cùrsaichean Goirid na Càisge 2024!   

Cuir fios thugainn ma tha cairt Young Scot agad, air neo ma tha thu 26 bhliadhna a dh’aois no nas òige agus a-riamh ann an suidheachadh cùraim  (mar eisimpleir: cùram-daltachd, còmhnaidh leth-neo-eisimeileach no dachaigh-cùraim), agus gheibh thu 30% far a’ chùrsa agad!

Gu h-iòsal, chì thu na seachdainean a bhios Cùrsaichean Goirid na Càisge 2024 a’ tachairt.

Bidh sinn a’ cur chùrsaichean ris an duilleig seo thar na mìosan a tha romhainn.

01 – 05 Giblean

Cùrsaichean air an Làraich:
Tha na h-àitichean-fuirich againn làn an t-seachdain-sa. Faodar fhathast clàradh airson cùrsa ma bhios àite-fuirich eile agad ge-tà. Tha campadh ceadaichte air an àrainn, ach chan eil goireasan slàn againn.

Gàidhlig Ìre 1 – Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.
Gàidhlig Ìre 3
Gàidhlig Ìre 5
Gàidhlig Ìre 7 – Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.

Dè a’ Ghàidhlig air “Session A9”? – Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.

Cùrsaichean Air-loidhne:

Ri thighinn

08 – 12 Giblean

Cùrsaichean air an Làraich:

Gàidhlig Ìre 2 – Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.
Gàidhlig Ìre 4
Gàidhlig Ìre 6 – Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.
Gàidhlig Ìre 8 – Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.

Clas Còmhraidh (Adhartach) le Ailig Dòmhnallach – Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose – Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnich mun liosta-fheitheimh.

Àrc-eòlas an Eilein Sgitheanaich le Steven Birch

Cùrsaichean Air-loidhne – 3 Làithean:

Gàidhlig Ìre 5 air-loidhne

Cùrsaichean Air-loidhne – 1 Latha

Gàidhlig air Cruth na Tìre – Air-loidhne

Airson taic le siostam clàraidh nan cùrsaichean, cliog an seo.
 
Gheibhear taic le siostam OGE cuideachd air +44 (0) 1463 279 150 no bho helpdesk@uhi.ac.uk.
 
Ma tha ceistean sam bith eile agad, leig fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 246 no cuir post-d gu cg.smo@uhi.ac.uk.
Àite-fuirich

Thèid àite-fuirich a thabhann air an àrainn a-rithist (ma bhios sin ri fhaighinn) aig àm na Càisge agus san Ògmhios, san Iuchar agus san Lùnastal. Faodaidh tu cuideachd àite-fuirich taobh a-muigh na làraich a chur air dòigh nam b’ fheàrr leat. Faodaidh daoine campachadh air an làraich, ach thoir an aire nach e làrach campachaidh oifigeil a th’ annainn agus tha na goireasan againn cuibhrichte. Gheibhear fiosrachadh slàn air an duilleag Àiteachan-fuirich againn.

Sabhal Mòr Ostaig

’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach. Ann an 2023, chomharraich sinn 50 bliadhna bhon a thòisich sinn, 15 bliadhna mus deach a’ chiad ionadan bun-sgoile a bha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Alba. An-diugh, ’s e Sabhal Mòr Ostaig am fastaiche as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig san t-saoghal.

BEATHA OILEANACH

An t-Eilean Sgitheanach

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578