CÙRSAICHEAN GOIRID NA CÀISGE 2025
Fàilte ort do phrògram Cùrsaichean Goirid na Càisge 2025!
Tha sinn an dràsta ag obair air clàr-ama na h-ath bhliadhna. Mar sin, cùm sùil air an duilleig seo airson an fhiosrachaidh as ùire thar na mìosan a tha romhainn!
Cuir fios thugainn ma tha cairt Young Scot agad, air neo ma tha thu 26 bhliadhna a dh’aois no nas òige agus a-riamh ann an suidheachadh cùraim (mar eisimpleir: cùram-daltachd, còmhnaidh leth-neo-eisimeileach no dachaigh-cùraim), agus gheibh thu 30% far a’ chùrsa agad!
CÙRSAICHEAN GOIRID NA CÀISGE: 07–18 GIBLEAN 2025
Bidh sinn a’ cur chùrsaichean ris an duilleig seo thar na mìosan a tha romhainn.
07 – 11 Giblean
AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, Diluain gu Dihaoine
Gàidhlig 1
Gàidhlig 3
Gàidhlig 5
Gàidhlig 7
14 – 18 Giblean
AIR AN LÀRAICH – 5 làithean, Diluain gu Dihaoine
Airson fios air susbaint a’ chùrsa aig gach Ìre Ghàidhlig, cliog air na ceanglaichean gu h-ìosal:
Gàidhlig Ìre 1 | Gàidhlig Ìre 2 |
Gàidhlig Ìre 3 | Gàidhlig Ìre 4 |
Gàidhlig Ìre 5 | Gàidhlig Ìre 6 |
Gàidhlig Ìre 7 | Gàidhlig Ìre 8 |
Gàidhlig Ìre 9 | Gàidhlig Ìre 10 |
Gaelic Level Equivalences |
Àite-fuirich
Thèid àite-fuirich a thabhann air an àrainn a-rithist (ma bhios sin ri fhaighinn) aig àm na Càisge agus san Ògmhios, san Iuchar agus san Lùnastal. Faodaidh tu cuideachd àite-fuirich taobh a-muigh na làraich a chur air dòigh nam b’ fheàrr leat. Faodaidh daoine campachadh air an làraich, ach thoir an aire nach e làrach campachaidh oifigeil a th’ annainn agus tha na goireasan againn cuibhrichte. Gheibhear fiosrachadh slàn air an duilleag Àiteachan-fuirich againn.
Sabhal Mòr Ostaig
’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach. Ann an 2023, chomharraich sinn 50 bliadhna bhon a thòisich sinn, 15 bliadhna mus deach a’ chiad ionadan bun-sgoile a bha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Alba. An-diugh, ’s e Sabhal Mòr Ostaig am fastaiche as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig san t-saoghal.