DipHE Na Meadhanan Gàidhlig – Seisean-lìn 2025

Air DipHE Na Meadhanan Gàidhlig, cùrsa dà-bhliadhna, gheibh thu na sgilean is an trèanadh a tha air dhìth gus a dhol an sàs ann an dreuchd ann an saoghal nam meadhanan Gàidhlig. Tha greis-gnìomhachais fad 10 mìosan ann, agus tha còrr is 80% de dhaoine a rinn an cùrsa a-nis a’ dèanamh am beò-shlàint anns a’ ghnìomhachas!
Bidh seisean fiosrachaidh air-loidhne againn tro Zoom aig 7f, Dimàirt 20 Cèitean 2025, far an cluinnear bho Stiùiriche a’ Chùrsa Catrìona NicIain agus cuideachd oileanaich a tha air a’ chùrsa an-dràsta fhèin, is iad ag innse mun chùrsa agus na cothroman a gheibhear bhuaithe. ’S e deagh chothrom a bhios an seo faighneachd dhan phannal mun DipHE Na Meadhanan Gàidhlig, mu bheatha nan oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig air neo ceistean sam bith eile a th’ agad.
Clàraich gu h-ìosal is cuiridh sinn ceangal Zoom thugad an latha ron t-seisean-lìn.