Òraid Shomhairle leis an Ollamh Dòmhnall Meek
Na Maoir agus na Bàillidhean ann an Litreachas agus Beul-aithris na Gàidhlig.
Diciadain 20 Màrt 2024 | 19:30
Talla Dhonaidh Chaimbeil, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an òraid cuideachd beò air-loidhne
Am measg nan sgeulachdan ’s nan òran a tha againn ann am beul-aithris agus litreachas na Gàidhlig, tha cuid a tha a’ buntainn gu dlùth ris na maoir agus na bàillidhean a bha a’ cumail smachd air na h-oighreachdan Gàidhealach. Tha ceangal aca gu sònraichte ris an aimhreit a bha eadar na h-oifigearan sin agus na croitearan is na coitearan anns an naoidheamh linn deug.
Mar as trice, chan e ‘eachdraidh’ a tha anns na sgeulachdan no na h-òrain sin idir, no co-dhiù ‘eachdraidh’ anns an t-seagh gum faod sinn earbsa a chur às a h-uile rud a tha iad ag innse dhuinn mu thachartasan an àma. Chan e cuimhneachadh ‘fìor’ den t-seòrsa sin a tha fa-near dhaibh no do na daoine a chruthaich iad. Ach, air an làimh eile, tha deagh thomhas de ‘dh’fhìrinn’ fharsaing annta, ma ghabhas sinn iad mar fhianais air mar a bha daoine a’ faireachdainn aig an àm san deachaidh an cruthachadh, agus air a’ mhiann a bha aca a bhith a’ toirt buaidh air na ‘nàimhdean’ a bha gan sàrachadh.
Anns an òraid seo, bidh Dòmhnall Meek a’ toirt dhuinn dealbh farsaing air deifir sheòrsachan sgeulachdan is òran, à deifir àiteannan eadar Cataibh is Muile, agus a’ mìneachadh adhbhar is ‘saiceòlas’ gach gnè.