A’ Cnuasachadh air Tar-chur Cànain eadar na Ginealaichean: Am Modail ‘Saibhreas’ agus Gaeltacht Corca Dhuibhne ann an Èirinn

Tha an taisbeanadh seo stèidhte air rannsachadh a chaidh a dhèanamh ann an Gaeltacht Chorca Dhuibhne ann an Èirinn, leis a’ phròiseact ‘An nasc idir an teanga agus an pobal i gCorca Dhuibhne’ (‘An ceangal eadar an cànan agus a’ choimhearsnachd air Gaeltacht Chorca Dhuibhne’), leis a’ bhuidheann “SMiLE” aig an Institiud Smithsonian.  Gu h-àraidh, tha an taisbeanadh a’ tòirt sùil air dà chèist:

1) Dè bhios sinn a’ ciallachadh nuair a bhruidhneas sinn mu ‘thar-chur cànain eadar na ginealaichean’?

2) Dè na h-amasan a th’ aig pàrantan nuair a tha iad a’ feuchainn ri tar-chur cànain eadar na ginealaichean a chur air adhart?

Tha am pàipear seo a’ moladh modail ‘saibhreas’ mar dhòigh-chnuasachaidh air an dà chèist seo; tha an deasbad cuideachd a’ gabhail a-steach rannsachadh a rinn mi ann an Alba na bu tràithe.

 

Fiosrachadh Zoom

Feuch gun tig sibh còmhla ruinn – tha sinn an dòchas gum bi dòigh-frithealaidh nan seiminearan cho furasta ‘s as urrainn dhuinn tro Zoom, agus bhiodh sinn uabhasach toilichte ur faicinn ann.

https://zoom.us/j/6086570437

Meeting ID: 608 657 0437

Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 1f Diciadain. Feuch gun log sibh a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh sibh a-steach. Bidh an ‘seòmar-coinneachaidh’ glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir. Gheibh sibh am prògram slàn an seo.

An Dr. Cassie Smith-Christmas
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578