Latha Fosgailte

 

Tha sinn a’ cur fàilte bhlàth ron a h-uile duine aig a bheil ùidh anns na cùrsaichean ceuma Gàidhlig againn aig ar Latha Fosgailte san Eilean Sgitheanach.

Gheibh sibh blasad de chlasaichean, taisbeanaidhean le stiùirichean cùrsa, cuairt mun làraich, stiùireadh mu iarrtasan agus cothrom coinneachadh ri luchd obrach, oileanaich agus Alumni an t-Sabhail.

Clàraich an seo airson an Latha Fosgailte: https://www.eventbrite.co.uk/e/latha-fosgailte-open-day-2019-registration-69177442593

 

Clàr-ama

10:00 Fàilte

10:30 Taisbeanadh bho gach stiùiriche cùrsa

11:30 “Meet and greet” le ceòl, tì & cofaidh

12:00 Cuairt timcheall an àite le oileanaich

13:00 Lòn

14:00 Clasaichean

15:00 Tì/cofaidh

15:30 Seirbhisean & Iarrtasan

16:30 Soraidh slàn