Skip to content

Latha Measaidh FICE – Cultarlann Inbhir Nis

Deit : Disathairne 14 an Gearran, 8:45m – 3:15f
Càite : Cultarlann Inbhir Nis, 68 Academy Street, Inverness IV1 1LP
Cosg : £30 gach duine

A bheil sibh air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig bho chionn ghoirid agus a-nis airson beagan fianais fhaighinn air na rinn thu gu ruige seo?

Tha sinn air leth toilichte latha measaidh a chur air chois do luchd-ionnsachaidh a tha airson teisteanas a choisinn aig ìre A1 den Fhrèam Iomraidh Cumanta Eòrpach (FICE). Tha na measaidhean seo ag amas air daoine a tha air ìre A1 a ruigsinn mar-thà, le bhith a’ crìochnachadh a’ chùrsa SpeakGaelic A1, no cùrsa eile do luchd-tòiseachaidh coltach ris, agus le bhith a’ dèanamh timcheall air 100 uair a thìde de dh’ionnsachadh.

Bidh an latha measaidh ann an ceithir pàirtean, a’ dèanamh sgrùdadh air sgilean leughaidh, sgilean sgrìobhaidh, sgilean èisteachd agus sgilean labhairt. Air dhaibh a’ chùis a dhèanamh air a’ mheasadh, gheibh tagraichean teisteanas bho Shabhal Mòr Ostaig a’ dearbhadh an comais chànain a rèir a’ chlàr-mheasaidh oifigeil aig FICE.

Air dhaibh ìre A1 a ruigsinn, bu chòir do luchd-ionnsaichidh a bhith comasach air faclan agus abairtean làitheil glè bhunaiteach as aithne dhaibh a thuigsinn agus a chleachdadh. Bu chòir gum bi iad comasach iad fhèin agus daoine eile a chur an aithne a chèile agus a bhith comasach air ceistean a chur agus a fhreagairt mu fhiosrachadh pearsanta bunaiteach, mar eisimpleir cò às a tha iad, càit a bheil iad a’ fuireach, fiosrachadh mun teaghlach aca, cur-seachadan agus an obair aca, agus na rudan as toil leotha is nach toil leotha. Bu chòir gum bi luchd-ionnsachaidh comasach air conaltradh bunaiteach a dhèanamh sa chànan air cuspairean pearsanta as aithne dhaibh.

Faicibh an Sgèile FICE agus eisimpleir den mheasadh gu h-ìosal airson tuilleadh mu na thathar an dùil ris bho thagraichean A1.

FICE-A1- Sgrìobhadh Pàipear 1
FICE-A1- Leughadh Pàipear 1
FICE-A1- Èisteachd Pàipear 1
FICE-A1- Bruidhinn Pàipear 1

Clàr-ama an latha

08:45 Fàilte; tì is cofaidh

9:30 – 10:15 – Measadh Leughaidh

10:15 – 11:00 – Measadh Sgrìobhaidh

11:00 – 11:30 – Srùbag

11:30 – 12:15 – Measadh Èisteachd

12:15 – 13:15 – LÒN

13:15 – 15:15 – Measadh Labhairt (àm fa leth aig a h-uile oileanach)

Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh post-d gu Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

 

  • 1Tagh tiogaid
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Standard Price
£30

1 Ticket selected.

Chan eil gin de na tiogaidean "Standard Price" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 1

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578