
Blasad den Chànan aig a’ Chrùbh
Cosgais: £20
Pàrantan/Seann-phàrantan FtMG: £10
Tha Sabhal Mòr Ostaig is Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil toilichte a bhith ag obair còmhla gus sreath de chlasaichean coimhearsnachd a thabhann aig a’ Chrùbh, a’ tòiseachadh le blasad de cheithir seachdainean san t-Samhain. Bidh na clasaichean seo ag amas air luchd-ionnsachaidh aig ìre fhìor-thòiseachaidh agus iad a’ cleachdadh ghoireasan SpeakGaelic.
Gach Diardaoin 1.30f – 3.00f (02.11.23 – 23.11.23)
Tha na clasaichean seo ri fhaotainn aig leth phrìs do phàrantan is seann-phàrantan clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus iad air am maoineachadh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. Thèid cosgaisean a’ chùrsa a phàigheadh dha Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil gu dìreach.
Tha prògraman telebhisein ceangailte ri SpeakGaelic ann air a dhèanamh le BBC ALBA agus, a bharrachd air sin, goireasan eile leithid phod-chraolaidhean a tha a’ cur ris, agus làrach-lìn SpeakGaelic airson ionnsachadh air do cheann fhèin. Tha susbaint SpeakGaelic ri fhaotainn aig ìre CEFR A1, A2 is B1, le planaichean air B2 san àm ri teachd, a’ tabhann slighe stèidhichte do luchd-ionnsachaidh airson an cànan ionnsachadh.
Cuir post-d thugainn aig ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth. Tha sinn an seo gus taic a thoirt dhut air do shlighe-ionnsachaidh.
Faodaidh tu am Poileasaidh Dìon-Dàta againn a leughadh an seo.