Gàidhlig A1 (Pàirt 1): Fìor luchd-tòiseachaidh
Fad 10 seachdainean (25.01.24 – 28.03.24)
12:30 – 14:00 gach Diardaoin
Cosgais gu lèir: £50
Pàrantan/Seann-phàrantan FtMG: £25
Tha Sabhal Mòr Ostaig is Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil toilichte a bhith ag obair còmhla gus sreath de chlasaichean Gàidhlig a thabhann aig a’ Chrùbh a’ tòiseachadh a-rithist san Fhaoilleach.
Bidh na clasaichean seo (A1 Pàirt 1) ag amas air fìor luchd-tòiseachaidh, is iad a’ leantainn Chuspairean 1–5 den chùrsa SpeakGaelic A1. Bhiodh na clasaichean seo freagarrach do dhaoine aig nach eil Gàidhlig sam bith no aig nach eil ach rud beag is a tha airson tòiseachadh air an t-slighe Ghàidhlig aca. Gheibhear fios air na tha an lùib Chuspairean 1–5 aig ìre A1 air làrach-lìn SpeakGaelic.
Tha na clasaichean seo rim faotainn aig leth phrìs do phàrantan is sheann-phàrantan aig a bheil clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus iad air am maoineachadh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. Thèid cìsean a’ chùrsa air adhart gu Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil.
Tha prògraman telebhisein ceangailte ri SpeakGaelic ann air an dèanamh le BBC ALBA agus, a bharrachd air sin, goireasan eile leithid phod-chraolaidhean a tha a’ cur ris, agus cuideachd làrach-lìn SpeakGaelic airson ionnsachadh air do cheann fhèin. Tha susbaint SpeakGaelic ri fhaotainn aig ìrean CEFR A1, A2 is B1, le planaichean air B2 san àm ri teachd, a’ tabhann slighe stèidhichte do luchd-ionnsachaidh airson an cànan ionnsachadh.
Cuir post-d thugainn aig ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth. Tha sinn an seo gus taic a thoirt dhut air do shlighe-ionnsachaidh.
Faodaidh tu am Poileasaidh Dìon Dàta againn a leughadh an seo.