Skip to content

Pìobaireachd is Drumaireachd (fo aois 21) – Air an Làraich: 07 Iuchar 2025

Ma dh’fheumas tu àite-fuirich, ‘s urrainnear seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh. Faic an seo airson barrachd fiosrachaidh.

Tha an cùrsa Pìobaireachd is Drumaireachd seo ag amas air sgilean pìobaireachd, drumaireachd is beum-cheòl (bòdhran, djembe, drùmaireachd ceòl chèilidh) a thoirt am feabhas aig oileanaich suas gu 21 bliadhna dh’aois a tha aig ìre reusanta math air an fheadan, ach gu h-àraid an feadhainn a tha air a bhith ri pìobaireachd airson greiseag cuideachd. Tha e air a mholadh gum bi oileanaich a’ gabhail pàirt anns an dà chlas ach an cuidich e le ruitheam is cumail ris a’ cheòl.

Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a’ ruith leithid a chùrsa fad iomadh bliadhna, le deagh chuid de na prìomh chluicheadairean òga an-diugh air tighinn chun nan cùrsaichean seo aig a’ Cholaiste a-cheana. Bho chionn beagan bhliadhnaichean a-nis, ‘s iad am pìobaire agus neach-sgrùdaidh pìobaireachd Iain MacPhàidein agus an drumair is pìobaire cliùiteach Anndra Mac a’ Phearsain a tha air a bhith os cionn a’ chùrsa seo.

Thèid ceòl aotrom, mar caismeachdan, srath spèithean is ruidhlichean a chleachdar ann am farpaisean a theagasg, cuide ri puirt ghrad-charach, fuinn Ghàidhlig agus puirt-chruinne. Thèid ceòl mòr cuideachd a theagasg; na dòighean cluiche is na fuinn a tha ri lorg ann am pìobaireachd.

Mu Iain agus Anndra

‘S ann do theaghlach ainmeil ann an saoghal na pìobaireachd a bhuineas Iain MacPhàidein. Tha ceangal dlùth aige ris na h-Eileanan is taobh an iar na h-Alba. Tha e fhèin is a bhràithrean air na duaisean as àirde ann an saoghal na pìobaireachd a chosnadh. Mar sin, tha làn eòlas aige agus e air a bhogadh ann an dòighean is cleachdaidhean pìobaireachd thraidiseanta.  Mar sin, ‘s math dhuinne aig Sabhal Mòr Ostaig gu bheil sinn san t-suidheachadh leis a’ chùrsa seo a bhith a’ toirt cothrom ionnsachaidh dhuibh le Iain.

Tha Anndra Mac a’ Phearsain na eòlaiche ciùil proifeiseanta a tha air cluich ann an còmhlain ainmeil mar Deoch ‘n’ Dorus, Angus Nicolson Trio, Urban Teuchters agus Niteworks.  Mar neach-ciùil iomadh-ionnsramaid a tha cleachdte ri cluich anns an stiùidio air neo beò air beulaibh sluaigh, tha eòlas aige air cluich ann an iomadach seòrsa suidheachaidh, eadar comhlain bheaga ionadail, comhlain ciùil ainmeil air feadh an t-saoghail agus còmhlain pìobaireachd.  Mar sin, tha comas aig Anndra deagh chothrom a thoirt dha na h-oileanaich gus meudachd de cheòl ionnsachadh bhuaithe. Cheumnaich Anndra le BA ann an Ceòl Traidiseanta Albannach bhon RSAMD, no Conservatoire Rìoghail na h-Alba mar a theirear san latha an-diugh.  Bidh Anndra a’ teagasg aig mòran de na fèisean agus sgoiltean ann an Alba far am bi e teagasg clann de gach aois agus comas.

 

 

AIRSON FIOS: Tha Dleastanas Cùraim aig Sabhal Mòr Ostaig a thaobh a h-oileanaich air fad, ach cuideachd dleastanasan a bharrachd a thaobh oileanaich òga fo aois 18 a tha a’ tighinn a-steach do dh’àrainneachd inbheach air an àrainn.

  • Ma tha an neach òg fo aois 12 bliadhna fhad ‘s a tha iad air a’ chùrsa, feumaidh pàrant/neach-cùraim/inbheach cunntachail ainmichte a dhol còmhla riutha don Cholaiste agus uallach a ghabhail sùil a chumail orra aig àm lòin agus aig amannan eile taobh a-muigh a’ chlas (ach aig àm fois, nuair a bhios uallach air neach-teagaisg a’ chùrsa).
  • Ma tha an neach òg 12, 13, 14 no 15 bliadhna a dh’aois, feumaidh pàrant/neach-cùraim/inbheach cunntachail ainmichte a dhol còmhla riutha don Cholaiste agus uallach a ghabhail air an son mus tòisich na clasaichean agus às an dèidh.
  • FEUMAIDH neach sam bith fo 16 bliadhna a dh’aois a tha a’ fuireach fad na h-oidhche air làraich na Colaiste (luchd-campachaidh nam measg) a bhith còmhla ri inbheach a bhios cuideachd air an làraich fad na h-​​oidhche.
  • Ma tha an neach òg 16 no 17 bliadhna a dh’aois, tha a’ Cholaiste a’ gabhail uallach air an son fo Reachdas Dìon Chloinne, agus chan eil feum air stiùireadh air-àrainn le pàrant/neach-cùraim/inbheach cunntachail ainmichte. (Tha feum fhathast air lethbhreac den fhoirm Dleastanas Cùraim air a chrìochnachadh agus air a shoidhnigeadh.)

Clàr-ama na Seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 14:30 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

 

  • 1Select Ticket
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Standard Price
£155
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 12
Chan eil gin de na tiogaidean "Standard Price" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Funded
£0
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 12

These prices do not include accommodation - add your course to the basket and check room availability here:- https://www.smo.uhi.ac.uk/product-category/rooms/?lang=en Use the "FUNDED" option if your employer or a bursary awarding authority will be paying the College directly on your behalf.

Chan eil gin de na tiogaidean "Funded" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 0

Ceann-là

07 - 11 Iuch 2025

Uair

9:30 am - 12:30 pm

Àite

Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ
CLÀRAICH

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578