Skip to content
cùrsa fhlodaigearraidh

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh: 04 Lùnastal 2025

An co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig, bidh Urras Ionad Thròndairnis a’ cur an cùrsa seo air dòigh. Bidh an cùrsa a’ còrdadh gu mòr ri daoine, le còrr is 100 neach air pàirt a ghabhail gu ruige seo. ‘S e cùrsa fad còig làithean a th’ ann le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach.

Bidh an cùrsa ag amas air fileantaich is cuideachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha aig ìre meadhanach àrd air neo adhartach (m.e., Ìre 6 no nas àirde de Chùrsaichean Goirid Gàidhlig an t-Sabhail), a tha airson an sgilean labhairt a leasachadh agus eòlas air cultar dùthchasach a leasachadh. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann airson cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich fhaighinn ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh a tha airson fileantas a ruighinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann a dhol air cuairtean agus coinneachadh ri daoine a tha eòlach air an sgìre agus Gàidhlig nàdarra a chluinntinn bho mhuinntir an àite. Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann a tuath an Eilein.

Thèid clasaichean cànain a’ chùrsa a chumail ann an Columba 1400 far am bi bùithtean-obrach cànain a bhios a’ meòrachadh air gnàthsan-cainnte agus dualchainnte, ainmean-àite agus briathrachas cultar dùthchasach na sgìre.

Tha prìs a’ chùrsa a’ gabhail a-steach dinnear gach oidhche bho Dhiluain gu Diardaoin.

Fios frithealaidh agus Clàr-ama

Bidh an cùrsa seo a’ tòiseachaidh gu h-oifigeil le clàradh aig 10.00m Diluain ach thathar ag iarraidh air oileanaich Flòdaigearraidh a ruighinn feasgar na Sàbaid mus tòisich an cùrsa.  Bidh an cùrsa foirmeil a’ tighinn gu crìch mu 13:00 feasgar Dihaoine. Cha bhi ach corra àite ri fhaighinn air a’ chùrsa, is mar sin tha sinn a’ moladh gun glèidh sibh àite air a chùrsa an-dràsta!

Fios mun Oide

Ailig Bhalois’S ann às an Eilean Sgitheanach fhèin a tha Ailig ‘Bhaltos’ Dòmhnallach is a’ Ghàidhlig aige on ghlùin – fad grunn bhliadhnaichean, tha Ailig air a bhith gu mòr an sàs ann an craoladh rèidio is telebhisein agus foghlam Gàidhlig do dh’inbhich aig gach ìre. A bharrachd air a bhith a’ teagasg ann an Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain ceithir latha san t-seachdain, tha fèill mhòr air na comasan teagaisg aige am measg bhuidhnean de gach seòrsa air feadh Alba leithid Ceòlas is air feadh an t-saoghail, gu ruige Canada, Ameireagaidh is a’ Ghearmailt. Bhiodh sibh air Ailig a chluinntinn air BBC Radio nan Gàidheal, agus tha e gu mòr an sàs a bhith ag eadar-theangachadh sgriobtaichean airson chartùnaichean chloinne agus a’ lìbhrigeadh ghuthan airson nan dearbh phrògraman.

Àite-fuirich

Tha na taighean a leanas a’ tabhann Leabaidh is Bracaist san sgìre ‘s tha Gàidhlig aca uile. Dèan iomradh air a’ chùrsa nuair a bhios tua’ bruidhinn riutha:

  • Anne MacLeod, Ben View, Clachan – 01470 562319 – ri fhaotainn tro Booking.com
  • Joan Beaton, 4 Flodigarry – 01470 552308

Seo liosta de thaighean air màl airson seachdain san sgìre:

 

Aodach 

Thathar a’ moladh gu mòr gun toir sibh bòtannan làidir is aodach blàth is freagarrach airson droch shìde gu h-àraid airson coiseachd a-muigh air cuairtean.

Eòlas ro làimh

Chan fheum eòlas a bhith agad ro làimh ach feumaidh deagh thomhas de Ghàidhlig a bhith agad. Airson barrachd fios, cuir fòn no post-d gu Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 246 air neo post-d: 

 

Ceann-là

04 - 08 Lùn 2025
Tha an tachartas seo air crìochnachadh

Uair

Fad an Latha

Àite

Flòdaigearraidh
An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578