Beartas Cainnt le Alilig Bhaltois Dòmhnallach – Air-loidhne: 28 Damhair 2024
Chaidh an cùrsa seo a tharraing le chèile dhaibhsan aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas. Ged a thèid cuideam a chur air sgilean labhairt, èisteachd is fuaimneachaidh gach oileanaich a leasachadh, coimheadar cuideachd ri cnàmhan a’ chànain tro abairtean, sean-fhaclan, gnàthasan-cainnt agus dualchainnt.
Mu Ailig
’S ann às an Eilean Sgitheanach fhèin a tha Ailig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach is a’ Ghàidhlig aige on ghlùin – fad grunn bhliadhnaichean tha Ailig air a bhith gu mòr an sàs ann an craoladh rèidio is telebhisein agus foghlam Gàidhlig do dh’inbhich aig gach ìre. A bharrachd air a bhith a’ teagasg ann an Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain ceithir latha san t-seachdain, tha fèill mhòr air na comasan teagaisg aige am measg bhuidhnean de gach seòrsa air feadh Alba leithid Ceòlas is air feadh an t-saoghail, gu ruige Canàda, Ameireagaidh is a’ Ghearmailt. Tric cluinnidh sibh Ailig air BBC Rèidio nan Gàidheal, agus tha e gu mòr an sàs a bhith ag eadar-theangachadh sgriobtaichean airson chartùnaichean chloinne agus a’ lìbhrigeadh ghuthan airson nan dearbh phrògraman.