Puirt Cèilidh le Iseabail Strachan: a’ tòiseachadh 23 Dàmhair 2023
Ionnsaich puirt airson dannsa cèilidh air a’ bhogsa còmhla Iseabail Strachan.
Bidh sinn ag ionnsachadh puirt leithid bhalsaichean, caismeachdan, ruidhlichean is puirt-chruinne airson dannsa, agus cuiridh sinn seataichean air dòigh.
Bidh sinn ag ionnsachadh le ar cluais, ach bidh ceòl sgrìobhte ri fhaighinn cuideachd. Ged is e cùrsa bogsa a th’ ann, bidh fàilte air cluicheadairean sam bith aig a bheil comas fuinn ionnsachadh le cluais.
Fios mun oide, Iseabail Strachan
‘S ann à Breacais anns an Eilean Sgitheanach a tha Iseabail Strachan. Bha i na h-oileanach aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd nuair a bha i san sgoil, agus bidh i a-nis a’ cluich aig cèilidhean, cuirmean-ciùil agus tachartasan air feadh na sgìre còmhla ri còmhlan cèilidh Bhreacais agus daoine eile. Tha ùidh mhòr aice ann an obair coimhearsnachd, cultar, cànan agus dualchas. Tha i air a bhith a’ teagasg a’ bhogsa gu daoine aig diofar aoisean is comasan fad fichead bliadhna.