Skip to content

Clasaichean Còmhraidh Eadar-mheadhanach – Air-loidhne le Iain Howieson: a’ tòiseachadh 23 Dàmhair 2023

Thèid na clasaichean còmhraidh air-loidhne seo a theagasg gach oidhche Luain eadar 19:00 agus 20:30 (ochd seachdainean).

Tha na clasaichean oidhche air-loidhne seo ag amas air cothrom còmhraidh a thoirt do dh’oileanaich. Le beachdachadh air diofar cuspair gach seachdain, bheir na h-ochd chlasaichean seo seachad cothrom dhuibh do bhriathrachas a leudachadh, abairtean agus gnàthasan-cainnte a chleachdadh agus aig an aon àm misneachd a thogail ann an còmhradh ri chèile. Bidh deagh chothrom ann cànan a dheasbad agus a chleachdadh le bruidhinn mu chuspairean làitheil.

Fios mun oide, Iain Howieson

Rugadh agus thogadh Iain ann an Dùn Phris. Rinn e ceum sa Bheurla aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus lean dreuchd ann an àrd-sgoiltean. Às dèidh dha an obair sin a leigeil dheth, chaidh e na oileanach gu Sabhal Mòr Ostaig. Chuir e crìoch air BA Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an 2017, agus PhD ann an 2020. A-nis, gheibh e tlachd mòr bho sgoilearachd neo-eisimeileach agus bho bhith na sheanair.

Ceann-là

06 Samh 2023 - 11 Dùbh 2023
A' dol an-dràsta…

Uair

7:00 pm - 8:30 pm

Àite

Air-loidhne tro Zoom

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578