Skip to content

Cùrsa Fìdhlearachd le Charlie Mckerron: A’ tòiseachadh 07 Samhain 2023

Charlie McKerron

Thèid na clasaichean a ruith eadar 7:00f agus 8:30f tro Zoom thairis air ochd seachdainean.

Tha sinn uabhasach toilichte gum bi cothrom agaibh cruinneachadh gus puirt a chluich còmhla air-loidhne gach oidhche Mhàirt. Thairis air còig seachdainean, gheibh sibh cothrom puirt, an dà chuid ùra agus sean, a chluich còmhla cuide ri Charlie Mckerron agus oileanaich eile. Ionnsaichidh sibh air chluais, ach bidh ceòl sgrìobhte ri fhaighinn às dèidh làimhe.

Bidh na clasaichean seo freagarrach do chluicheadairean aig ìre eadar-mheadhanach agus na b’ àirde. Ma tha ceist agaibh air neo duilgheadas le bhith ag ionnsachadh air chluais, nach sgrìobh sibh thugainn aig .

Tha an cùrsa seo freagarrach do dh’ionnsramaidean ciùil sam bith.

* Ged a thathar an dùil gun ruith an cùrsa seo airson 8 seachdainean an dèidh a chèile, dh’fhaodadh cuid de chlasaichean atharrachadh a rèir obair Charlie, ach thèid innse dha na h-oileanaich ro làimh. *

Mu Charlie

Tha Charlie Mckerron air a bhith na fhear den luchd-ciùil as ainmeile an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba bho thoiseach nan 1980an, agus tha e air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar fhìdhlear cho math ‘s a tha e an Alba. Tha e a’ cluich anns a’ chòmhlan-chiùil chliùiteach Capercaillie, agus tha e air co-obrachadh cuide ri iomadh neach-ciùil eile agus air cluich ann an còmhlanan eile, a leithid Session A9. Chaidh Charlie a thogail ann an dualchas fìdhlearachd ceann an ear-thuath na h-Alba, ach bhon uair sin tha e air a bhogadh fhèin ann an dualchas ceòl na Gàidhlig cuide ri Capercaillie, is iad air cuideachadh ceòl Gàidhlig a thoirt gu aire muinntir na cruinne.

Ceann-là

14 Samh 2023 - 16 Faoi 2024
A' dol an-dràsta…

Uair

7:00 pm

Àite

Air-loidhne tro Zoom

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578