Skip to content

Gàidhlig Ìre 2 – Air-loidhne le Carol Shields: a’ tòiseachadh 24 Dàmhair 2023

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • roimhearan ùra, mar ‘anns’ agus ‘às’;
  • ro-riochdairean, mar ‘aig’ agus ‘ann’;
  • agus structaran coimeasach.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu shusbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 1 (Aonad 4–6)
SCQF 4 – SQA Ìre Choitcheann Àbhaisteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Bidh ochd clasaichean ann thairis air ochd seachdainean: 19:00 gu 20:30 gach oidhche Mhàirt, tro Zoom.

Thèid an cùrsa seo a theagasg le Carol Shields. Tha BA (le Urram) ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig (aig a’ chiad ìre) bho Sabhal Mòr Ostaig aig Carol, agus tha meas mòr oirre na oide air na cùrsaichean goirid againn.

Is toigh leatha: sreap nam beann, leughadh, coimhead criogaid (dha-rìribh), agus teagasg Gàidhlig.

Cha toigh leatha: uisge-beatha, taighean-bìdh fuaimeil, agus daoine tarraing dhealbhan dhi.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578