Skip to content
Oileanaich a Chùrsa Comais

SpeakGaelic A1: Luchd-tòiseachaidh le Beagan Gàidhlig

Tha Sabhal Mòr Ostaig toilichte innse gum bi clasaichean coimhearsnachd SpeakGaelic A1 a’ tòiseachadh a-rithist le bloc beag de cheithir sheachdainean air làrach na Colaiste san t-Samhain.

Gach Diciadain 6.30f – 8.15f (01.11/23 – 22.11.23)

Bidh na clasaichean seo ag amas air luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà. Bidh am bloc beag seo ag ath-sgrùdadh chuspairean 1–5 SpeakGaelic A1, le cothrom a bhith a’ gluasad air adhart às dèidh na Nollaige gu cuspairean ùra. Bhiodh na clasaichean seo freagarrach do dhaoine a tha air cuspairean 1–5 SpeakGaelic A1 a dhèanamh mar-thà, is iad ag iarraidh ath-sgrùdadh mus gluaisear dhan ath cheum, a bharrachd air daoine a tha air rudan coltach riutha a dhèanamh air slighean ionnsachaidh eile. Gheibhear fios air na tha an lùib chuspairean 1–5 A1 air làrach-lìn SpeakGaelic.

Tha na clasaichean seo ri fhaotainn aig leth phrìs do phàrantan is sheann-phàrantan clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus iad air am maoineachadh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tha prògraman telebhisein ceangailte ri SpeakGaelic ann air a dhèanamh le BBC ALBA agus, a bharrachd air sin, goireasan eile leithid phod-chraolaidhean a tha a’ cur ris, agus làrach-lìn SpeakGaelic airson ionnsachadh air ur ceann fhèin. Tha susbaint SpeakGaelic ri fhaotainn aig ìre CEFR A1, A2 is B1, le planaichean air B2 san àm ri teachd, a’ tabhann slighe stèidhichte do luchd-ionnsachaidh airson an cànan ionnsachadh.

Cuir post-d thugainn aig ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth. Tha sinn an seo gus taic a thoirt dhut air do shlighe-ionnsachaidh.

Faodaidh tu am Poileasaidh Dìon-Dàta againn a leughadh an seo.

Ceann-là

01 Samh 2023
Expired!

Uair

6:30 pm - 8:15 pm
Sabhal Mòr Ostaig

Àite

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578