Srùbag air an Rathad le Sabhal Mòr Ostaig

Ma tha thu a’ lorg cothrom do chuid Ghàidhlig a chleachdadh, bidh Sabhal Mòr Ostaig a chur Srùbag air dòigh aig Gasta ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach air Dimàirt 25mh den Ghearran bho 2f gu 4f.
Bidh srùbag is rudeigin milis ri fhaighinn! Cothrom bruidhinn neo-fhoirmeil dhuibhse a tha fileanta, a’ coimhead airson barrachd misneachd le ur cuid Gàidhlig, air neo a tha aig toiseach ur slighe leis a’ Ghàidhlig. Bidh fàilte chridheil romhaibh uile! Tha an tachartas seo an-asgaidh.