Skip to content
Picture of a page in a book

Faclair na Gàidhlig

Tha an iomairt eadar-oilthigh seo anns a bheil Oilthighean Dhùn Èideann, Ghlaschu, Obar Dheathain, Srath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs ag amas air faclair eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba a chruthachadh. Thèid a dhealbh air prionnsapalan eachdraidheil coltach ris an fheadhainn air an deach Dictionary of the Older Scottish Tongue agus an Oxford English Dictionary a stèidheachadh.

Chaidh Faclair na Gàidhlig a chur air bhonn ann an 2003 agus tha e air ionmhas fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig, Urras Charnegie, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Urras Leverhulme, Riaghaltas na h-Alba, Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba, Chomhairle Rannsachaidh nan Ealan ’s Eòlais Dhaonna agus Chomhairle an Rannsachaidh Shòisealta ’s Eaconamaich.

’S ann aig Sabhal Mòr Ostaig OGE a tha rianachd a’ phròiseict fo stiùireadh an Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Neach-gairm Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhlig.

Chaidh Ceum1 (2005-08) anns an robhar a’ cruthachadh bunait deasachaidh agus teacsa dhan fhaclair a dhèanamh aig Oilthigh Dhùn Èideann fo stiùireadh an Ollaimh Uilleam MacIllIosa agus an Ollaimh Dòmhnall Meek, Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba.

Ann an Ceum 2, chaidh stòr-dàta làn-theacsa de Ghàidhlig na h-Alba a chruthachadh, às an tèid am faclair a chur ri chèile. Tha am pròiseact seo air a stiùireadh leis an Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh ann an Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu fo bhratach pròiseact an Data airson Stòras na Gàidhlig (DASG).

’S e pròiseact cudromach fad-ùine a th’ ann am Faclair na Gàidhlig a lìbhrigeas goireas a tha deatamach airson na cànain. Tòiseachaidh an obair foillseachaidh ann an 2021.

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn a’ phròiseict www.faclair.ac.uk

Manaidsear a’ Phròiseict: Sharon Pearson

Post-d:

Faclair na Gàidhlig, Fàs, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578