FÀILTE
’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach.
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann mòran chothroman ionnsachaidh do dhaoine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig, an dà chuid aig a’ Cholaiste agus air astar.
Tha obair na Colaiste ga neartachadh tro chàirdeas le coimhearsnachd na Gàidhlig agus tha iomadh pròiseact cultarach agus cruthachail stèidhichte aig Sabhal Mòr, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Cànan nam measg.
Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh ann an 1973 ann an seann sabhal ann an Ostaig gus cur ri ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig. An-diugh, ’s e Sabhal Mòr Ostaig am fastaiche as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig san t-saoghal.
Tha na h-ealain is cultar na Gàidhlig fìor chudromach do Shabhal Mòr Ostaig, agus tha a’ Cholaiste a’ ruith phrògraman air mhuinntireas ann an ceòl, litreachas agus na h-ealain lèirsinneach.
Tha sinn an dòchas gum bi cothrom agad tighinn a chèilidh oirnn a dh’aithghearrr, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri d’ fhaicinn.
AR LÈIRSINN
Bidh Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, na ionad Gàidhlig bho bhun gu bàrr agus sinn a’ tairgsinn chothroman ionnsachaidh, rannsachaidh agus cultarach a tha sàr mhath gus an urrainn do ar n-oileanaich, luchd-obrach agus luchd-compàirt a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart.