Rugadh Fañch Bihan-Gallic anns a’ Bhreatainn Bhig, agus thogadh e sa Chaillean Nuadh. Tha e air a bhith an sàs leis a’ Ghàidhlig bhon a rinn e MSc ann an Ceiltis agus Eòlas na h-Alba ann an 2015, agus tha e a-nise air crìoch a chur air PhD ann an Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain. B’ e àiteachan ionnsachadh agus cleachdadh neo-fhoirmeil na Gàidhlig do dh’inbhich an cuspair a bh’ aige.

 

Ceannas cànain, togail darna cànain agus cànanan an cunnart: Lèirsinn na Gàidhlig

’S e rud soilleir is follaiseach a th’ ann gu bheil buaidh aig a’ Bheurla no aig a’ Fhraingis air na cànanan Ceilteach. Ach chan eilear a’ cnuasachadh gu dlùth air na tha an dàimh eadar mion- is mòr-chànan a’ ciallachadh ann an dà-rìreadh, ged am bu chòir tuigse mhath a bhith againn ann an co-theacsa ath-bheòthachadh cànain. An dèidh rannsachadh a dhèanamh air ionnsachadh na Gàidhlig Albannach mar dharna cànain, nochd e dhomh gu bheil buaidh mhòr aig ceannas cànain (language hegemony) air mar a thathar a’ togail chànanan an cunnart. Bidh mi a’ tarraing air dàta mo chuid rannsachaidh airson a bhith a’ mìneachadh na buaidh a tha sin air cleachdadh neo-fhoirmeil Gàidhlig na h-Alba am measg inbheach, gu h-àraidh air ro-innleachdan conaltraidh (communicative strategies). Cuiridh mi romham an toiseach a bhith a’ bruidhinn air na tha “neo-fhoirmeil” a’ ciallachadh, is bruidhnidh mi air na duilgheadasan sònraichte a tha a’ nochdadh do chuideigin a bhios ag ionnsachadh cànan ann an cunnart. ’S ann an sin a bheir mi luaidh air cnag na cùise: buaidh a’ Bheurla air mar a tha daoine a’ cleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh nan clasaichean foirmeil.

Feuch gun tig sibh còmhla ruinn – tha sinn an dòchas gum bi dòigh-frithealaidh nan seiminearan cho furasta ‘s as urrainn dhuinn tro Zoom, agus bhiodh sinn uabhasach toilichte ur faicinn ann.

https://zoom.us/j/6086570437

Meeting ID: 608 657 0437

Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 1f Diciadain. Feuch gun log sibh a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh sibh a-steach. Bidh an ‘seòmar-coinneachaidh’ glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir. Gheibh sibh am prògram slàn an seo.

Fañch Bihan-Gallic
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578