Goireasan Co-labhairt
Suidhichte ann an teis-meadhan na Gàidhealtachd, ann an aon de na h-àiteachan as eireachdaile ann an Alba, tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann àite air leth airson grunn tachartasan eadar-dhealaichte, bho chruinneachaidhean beaga mì-fhoirmeil agus cuirmean air leth, gu co-labhairtean mòra is tachartasan sònraichte. Tha an dòigh-obrach phroifeiseanta, ioma-chomasach, shùbailte againn a’ ciallachadh gum bi luchd-cleachdaidh is aoighean a’ tilleadh a-rithist is a-rithist, agus gum bi a’ mhor-chuid de na h-aoighean a’ tighinn thugainn mar thoradh air an deagh mholadh a chuala iad mar deidhinn.
Tha 190 cathair ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil, an talla againn; tha An Talla Mòr nas lugha, ach gu math ‘càirdeil’; agus tha grunn sheòmraichean eile againn le deagh ghoireasan a tha freagarrach airson coinneamhan, bùithtean-obrach agus co-labhairtean-bhidio a chumail. Tha an Amharclann a-muigh ri taobh Àrainn Chaluim Chille le àiteachan gu leòr ann do 200 neach.
Is urrainn dhuinn do chuideachadh a thaobh ghoireasan eadar-theangachaidh mar-aon, acfhainn chlàraidh bhidio is fuaime, ghoireasan coimpiutaireachd agus le siostam airson fhilmichean a shealltainn.
Ma tha feum agad orra, tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann àiteachan-fuirich ùr, cofhurtail ann an àrainneachd shònraichte a’ coimhead a-null thar Linne Shlèite. Tha 81 seòmraichean-cadail ann, is taigh-beag anns gach fear. Tha dhà dhiubh freagarrach do dh’aoighean le cathair-cuibhle. Gheibhear Wi-Fi an-asgaidh annta cuideachd. Tha na còcairean mìorbhaileach againn air iomadh tachartas mòr a chur air dòigh gu soirbheachail, is iad a’ tuigsinn gu bheil gach tachartas eadar-dhealaichte.
As bith dè tha san amharc agad, bhiodh sinne ro thoilichte do chuideachadh. Airson barrachd fiosrachaidh mu na goireasan againn, agus cosgaisean na bliadhna sa, cuir post-d gu neo fòn 01471 888 000. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri cluinntinn bhuat.