Skip to content
Picture of the Leirsinn logo

Lèirsinn

Chaidh ionad rannsachaidh Lèirsinn a stèidheachadh ann an 1992 aig Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba. Tha Lèirsinn air mòran dhiofar phròiseactan rannsachaidh a ghabhail os làimhe air cuspairean mar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, na meadhanan Gàidhlig agus socio-cànanachas sa choimhearsnachd. Tha an luchd-obrach sàr-eòlach air cor na Gàidhlig an-diugh an Alba agus air na diofar fhactaran a’ bualadh air na coimhearsnachdan Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Alba air fad.