Murchadh Peutan
Bha sinn uile aig Sabhal Mòr Ostaig gu math duilich naidheachd fhaighinn an t-seachdain sa chaidh gun do bhàsaich ar caraid Murchadh Peutan.
Às dèidh dha a bhith air a’ phoileas bha Murchadh na thidsear ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh airson iomadh bliadhna agus grunnd de luchd-obrach an t-Sabhail air ionnsachadh fhaighinn bho Mhurchadh. Bha eòlas againn air cuideachd agus e air bliadhnaichean mòra a chur seachad na bhritheamh aig Mòd na Cloinne ann am Port Rìgh.
B’ ann tro obair mar urrasair air Urras an Eilein agus Òraid Bhliadhnail Shir Iain Nobail a chur sinne aig an t-Sabhal an t-eòlas as motha air Murchadh ach bhathar tric ga chluinntinn air an rèidio a’ bruidhinn air iomadh diofar chuspair – saidheans agus a’ Chiad Chogadh nam measg.
’S e duine còir, glic agus socair a bha ann am Murchadh agus cha bheag an obair a rinn e thairis air na bliadhnaichean airson ar cultar is ar cànan – bidh ionndrainn mhòr air Murchadh.
Tha ar smuaintean an-diugh le Etta, banntrach Mhurchaidh, agus le am mac Dòmhnall.