Skip to content
Picture of an old book

Na Cruinneachaidhean

‘S e dleastanas cudromach an Leabharlainn gun tèid goireasan ann an clò is ann an cruthan eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a thrusadh is a ghleidheadh, mar thoradh air inbhe Sabhal Mòr Ostaig is e na Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Tha na leabhraichean ann an cruinneachaidhean an Leabharlainn a’ sìneadh air ais do na linntean a bu tràithe ann am foillseachadh na Gàidhlig agus air adhart gu goireasan didseatach an latha an-diugh.

Tha na cruinneachaidhean de shàr leabhraichean cho cudromach agus cho tearc gu bheil iad aithnichte mar phàirt riatanach de dh’eachdraidh leabhraichean na dùthcha agus tha an clìu eadar-nàiseanta aithnichte anns a’ bhallrachd a th’ aig an Leabharlann ann an Co-bhanntachd Leabharlannan Rannsachaidh na Roinn Eòrpa agus Ligue des Bibliothèques Europeénes de Recherche.

 

An Cruinneachadh Iasaid

Tha an cruinneachadh iasaid a’ cumail taic ri cùrsaichean na Colaiste agus anns a’ chruinneachadh seo tha leabhraichean agus goireasan ioma-mheadhan air a’ Ghàidhlig is a litreachas, poileasaidh cànain, eachdraidh na Gàidhealtachd, cultar dùthchasach, beul-aithris agus ceòl traidiseanta. Tha na goireasan ri fhaighinn ann an iomadh cruth (a leithid leabhraichean, goireasan lèir-chlaisteach is goireasan didseatach) agus anns a’ Ghàidhlig, anns a’ Bheurla agus anns na cànanan Ceilteach eile.

Irisean

Chì thu cruinneachadh irisean an Leabharlainn an seo.
Tha ceanglaichean ann le fiosrachadh air na h-irisean, far a bheil e ri fhaotainn.

Mac-Talla

Bha Mac-Talla na phàipear-naidheachd Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh a h-uile seachdain – gach dàrna seachdain na b’ anmoiche – ann an Sidni, Alba Nuadh, eadar 28 Cèitean, 1892, agus an 24 Ògmhios, 1904, mu thimcheall air 540 earrann uile gu lèir. Tha iad rim faighinn air an eadar-lìon an-seo.

Na Clàir Ghàidhlig

 

Aig deireadh na 1990an, thug am BBC tabhartas don Leabharlann dhe chruinneachadh dhe na seann chlàran Gàidhlig bhon tasglann aige. ‘S iad seo seann chlàraidhean 78 leis na companaidhean Parlophone, Beltona agus Gaelfonn, air a bheil seinneadairean Gàidhlig sa mhòr-chuid ach le beagan chlàraidhean sa Bheurla is ann an Gàidhlig na h-Èireann cuideachd.

Na Cruinneachaidhean Sònraichte

Tha na leabhraichean an lùib nan Cruinneachaidhean Sònraichte a’ sìneadh air ais do linntean tràtha foillseachadh na Gàidhlig. Tha na cruinneachaidhean cho cudromach is gu bheil iad aithnichte mar phàirt riatanach de dh’eachdraidh leabhraichean na dùthcha agus tha an cliù eadar-nàiseanta air aithneachadh tro bhallrachd ann an Co-bhanntachd Leabharlannan Rannsachaidh na Roinn Eòrpa agus Ligue de Bibliothèques Europeénes de Recherche.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh air gach cruinneachadh fa leth gu h-ìosal.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578