Còrr is £2m de mhaoineachadh air ainmeachadh airson na Gàidhlig
Dh’ainmich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, còrr is £2m de mhaoineachadh do phròiseactan Gàidhlig a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig agus e a’ tadhal air a’ cholaiste air Dihaoine 26 Iuchar.
Thuirt am Prìomh Mhinistear gum faigheadh Faclair na Gàidhlig – am pròiseact gus faclair ùghdarrasail, iomlan a chruthachadh a bheir goireas briathrachais gu tur ùr don chànan – £2m tro Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba gus am pròiseact a thoirt air adhart. Cuideachd, dh’ainmich Mgr Salmond maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba: £100,000 airson Tasglann Fuaime Nàiseanta do dh’Alba agus £25,000 airson FilmG, an fharpais film Ghàidhlig nàiseanta a bhios a’ brosnachadh is a’ leudachadh sgilean am measg dhaoine airson an t-sianail Ghàidhlig, BBC ALBA, agus a tha ag amas air susbaint ùr a chruthachadh ann an Gàidhlig air an eadar-lìon.
Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ag obair còmhla ri Tobar an Dualchais, pròiseact a tha stèidhichte aig SMO, air pròiseact dearbhaidh gus tasglann fuaime a stèidheachadh. Tha eòlas farsaing aig sgioba Tobar an Dualchais mu thràth air an seòrsa obrach seo agus iad air clàraidhean fuaime bho air feadh Alba a ghleidheadh, a chur ann an cruth didseatach agus a chatalogadh, agus feadhainn dhiubh còrr is 80 bliadhna a dh’aois.
Tron fharpais film bhliadhnail aca, FilmG, tha MG ALBA ag iarraidh daoine òga a bhrosnachadh gu bhith cruthachadh fhilmichean Gàidhlig. Tha am pròiseact air a lìbhrigeadh le Cànan, am companaidh ioma-mheadhanach fo shealbh Shabhal Mòr Ostaig. Bheir am maoineachadh as ùire bhon Riaghaltas taic do phrògram trèanaidh na farpaise, mar phàirt dhe sin bithear a’ tadhal air sgoiltean is coimhearsnachdan gus seiseanan trèanaidh a chumail a dh’ionnsaicheas do dhaoine mar a leasaicheas iad stòiridh, mar a nì iad filmeadh is gearradh agus gheibh daoine sàr chlasaichean bho chleasaichean is luchd-film ainmeil.
Thuirt am Prìomh Mhinistear: “Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic làidir do ar cànanan dùthchasach, Gàidhlig nam measg, agus tha sinn a’ mothachadh do na buannachdan cudromach a thaobh ar cultair agus an eaconamaidh a thig bho na cànanan sin ann an Alba an latha an-diugh agus i cho smiorail. Tha sinn ag iarraidh obair còmhla ri grunn bhuidhnean poblach eile gus cor na Gàidhlig a ghleidheadh agus a chur air adhart. Bidh am faclair na phàirt cudromach den obair sin agus tha mi air leth toilichte gun deach am maoineachadh a bharrachd seo a chomharrachadh feuch am faicear adhartas nach beag leis a’ phròiseact seo.
“Gu cinnteach tha an obair a tha sgioba Tobar an Dualchais a’ dèanamh còmhla ri Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air an Tasglann Fuaime Nàiseanta glè chudromach gu nàiseanta. Aon uair ’s gu bheil an tasglann deiseil, bidh cothrom aig a’ mhòr-shluagh air cruinneachaidhean de chlàraidhean. Tha ar n-eachdraidh a cheart cho cudromach ris an àm ri teachd agus tron phròiseact seo bidh cothrom aig daoine ann an Alba agus bho dhùthchannan eile na clàraidhean seo a chluinntinn.
“Às dèidh còig bliadhna air leth soirbheachail, tha an fharpais film FilmG a-nis stèidhichte mar aon de na h-iomairtean as fheàrr airson a bhith leasachadh agus a’ taisbeanadh fhilmichean Gàidhlig goirid agus sgilean nan daoine tàlantach a tha an sàs annta, agus tha e na thoileachas dhomh gun urrainn do Riaghaltas na h-Alba uair eile taic a chumail ris na cothroman trèanaidh am-bliadhna.”
Nì Faclair na Gàidhlig cunntas iomlan air a’ Ghàidhlig agus eachdraidh briathrachas a’ chànain agus e a’ sealltainn mar a dh’atharraich gach facal bho a’ chiad chruth anns an do nochd iad gu mar a tha iad gan sealltainn agus gan cleachdadh an-diugh. Cuideachd, bheir e cànan agus dualchas na Gàidhlig gu aire iomadach neach. Chìthear adhartas nas luaithe sa phròiseact leis an £2 mhillean bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba. Thèid tuilleadh luchd-obrach fhastadh gus am faclair a chur ri chèile leis an airgead agus thèid am bathar-bog, a tha dhìth gus taic a chumail rin obair, a cheannach.
Tha cur-ri-chèile an fhaclair fo stiùir SMO, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, ann an co-bhuinn ri Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann, Ghlaschu agus Srath Chluaidh agus tha am pròiseact ag amas air faclair eachdraidheil a chruthachadh don Ghàidhlig aig am bi an aon inbhe agus cliù agus a th’ aig na faclairean mòra a gheibhear airson Albais (Dictionary of the Older Scottish Tongue) agus airson Beurla (Oxford English Dictionary).
Thuirt Iain MacIllFhialain, Cathraiche Comhairle Maoineachaidh na h-Alba: “Tha am pròiseact Faclair na Gàidhlig deatamach do na h-oidhirpean gus a’ Ghàidhlig a ghleidheadh agus bidh e na ghoireas riatanach do dhaoine bho air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh ann an Ceiltis agus Foghlam Gàidhlig. Tha sinn fìor thoilichte a bhith ag obair ann an com-pàirt ri Sabhal Mòr Ostaig air a’ phròiseact lèirsinneach seo a tha ag amas air cànan iomlan na Gàidhlig a chur ann an clò.”
Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, a tha cuideachd na Neach-gairm air Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhlig: “Tha am maoineachadh a bharrachd seo bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba, am maoineachadh a tha tighinn bho na Comhairlean Rannsachaidh agus an taic-airgid a tha sinn a’ faighinn gu cunbhalach bho Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn cho chudromach agus a tha am pròiseact seo aig ìre nàiseanta, pròiseact a bheir dhuinn bun-stèidh don chànan a leithid nach fhacas riamh. Bheir an t-airgead seo an comas dhuinn tòrr obair ullachaidh a dhèanamh airson an fhaclair, faclair a bheir dhuinn, ri ùine, goireas a bhios a cheart cho math ris na faclairean mòra aig Albais (Dictionary of the Older Scottish Tongue) agus Beurla, Faclair Beurla Oxford.”
A bharrachd air an £2 mhillean bho CMA airson a’ phròiseict, tha Comhairle Rannsachaidh Foghlam Daonna agus nan Ealain (CRFDE) a’ toirt £100, 000 don phròiseact agus tha £50,000 a’ tighinn bho Chomhairle Rannsachaidh chùisean Sòisealta agus Eaconamach (CRSE). Tha Bòrd na Gàidhlig air taic a chur ris a’ phròiseact bho 2004 agus aig an àm seo tha iad a’ toirt tabhartas seachad luach £75,000 gach bliadhna.