![SMO Generic Banner Image](https://b2480852.smushcdn.com/2480852/wp-content/uploads/2021/06/webcam-banner.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)
A’ cuimhneachadh air Sir Iain Noble, agus dìleab nach gabh àicheadh
‘Bha e daonnan a’ bruidhinn air fhèin mar chuideigin a bha air bàrr a shòlais nuair a bha e a’ cruthachadh rudeigin ùr, a’ dealbh gnìomhachas, no a’ cur iomairt air adhart.’ Sin aon de na cuimhneachain phearsanta air Sir Iain Noble a bh’ aig an Sgitheanach Ailean Caimbeul agus e a’ toirt seachad a’ chiad òraid chuimhneachaidh air Sir Iain aig Sabhal Mòr Ostaig a-raoir (21.3.12).
Thàinig grunn dhaoine còmhla ann an Slèite gus èisteachd ris an òraid a chaidh a chur air bhonn le Sabhal Mòr Ostaig agus Urras an Eilein, dà bhuidhinn ris an robh dlùth cheangal aig Sir Iain na bheatha. San òraid aige, thug Ailean Caimbeul dealbh pearsanta, fosgarra dhuinn air fear-gnìomhachais agus uachdaran a thug buaidh nach beag air ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus air a’ Ghàidhlig, agus air fear aig an robh beachdan làidir nach robh daonnan a’ còrdadh ris a h-uile duine. Fear a bha a’ creidsinn sa cheangal eadar fèin-spèis ann an cànan is dualchas agus leasachadh eaconamach.
San òraid aige thuirt Ailean,’Sheall Iain cho cudromach’s a tha a’ mhisneachd a thig an lùib fèin-spèis ann an coimhearsnachd, agus na ghabhas coileanadh air druim na misneachd sin. Mar a thuirt mi roimhe cha robh a h-uile beachd is innleachd a bh’ aig Iain sònraichte dha fhèin’ mar eisimpleir aig deireadh nan seachdadan bha Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus Comhairle na Gàidhealtachd glè mhothachail air cho deatamach sa bha creideas coimhearsnachd mar mheadhan air leasachadh sòisealta, eaconamach, agus cultarail. Ach bha Iain Noble na eisimpleir air duine le cothrom, comas, agus rùn an fheallsanachd sin a chur an gnìomh. Mar fhear-gnothaich bha e air dearbhadh uair is uair gun robh e dàna agus gun robh e a’ tuigsinn nach tig fìor adhartas gun a dhol an cunnart agus bha esan dèonach an cunnart sin fhulang.
‘Agus mar a dh’aithris mi roimhe chaill e air cuid de na h-iomairtean a ghabh e’ ach rinn iad feum fhad’s a bha iad a’ dol agus dh’ ionnsaich a’ choimhearsnachd mòran asta agus fhuair iad misneachadh agus creideas annta fhèin aig an aon àm. Na mo bheachdsa chuir Iain ris a’ chreideas a tha sa Ghàidhlig an-diugh, agus cuideachd ris a’ mhisneachd a chithear ann an coimhearsnachdan feadh na dùthcha.’
Thog Ailean air an eòlas a bh’ aige fhèin bho bhith ag obair dha agus còmhla ri Sir Iain thar nam bliadhnaichean, agus dh’aidich e nach robh mar a bha Sir Iain cho dìoghrasach agus làidir na bheachd an-còmhnaidh a’ còrdadh ri daoine.’Nuair a nochd Iain ann an ceann a deas an Eilean Sgitheanaich mar uachdaran òg, ùr, beairteach,’s ann amharasach a bha an fhàilte roimhe! Agus cò chuireadh còire air muinntir na coimhearsnachd sin, cha robh adhbhar dòchais sònraichte sam bith aca à uachdaran sam bith, sean no ùr! Agus a bharrachd air a h-uile càil eile bha an duine seo airson Gàidhlig ionnsachadh! Cànan air an robh daoine’s dòcha measail gu leòr ach nach do chuir sgillinn am pòcaid dhuine aca riamh! B’ e sin an dearbhadh a bu treasa buileach nach robh Iain Noble ach gu bhith ga chluich fhèin leis an oighreachd seo. Tha mi a’ creidsinn nach robh e na chuideachadh gun robh Iain fhèin cho measail air na faclan’beagan spòrs’, bha iad aige bitheanta, ann am Beurla cuideachd, agus bha daoine den bheachd gur e sin a bh’ ann dha. Ach cha b’ e spòrs a bha air aire na coimhearsnachd seo, ach tighinn beò.’
Thug Ailean iomradh air na diofar iomairtean a dh’fheuch Sir Iain fhad’s a bha e air ceann Fearann Eilean Iarmain, an oighreachd a cheannaich e ann an Slèite ann an 1972. Agus bhruidhinn e air mar a tha Sabhal Mòr na dhearbhadh air na h-oidhirpean a shoirbhich leis:’Tha cuid ann an saoghal gnìomhachais, agus eile, nach eil a’ creidsinn anns an fheallsanachd a bh’ aig Iain, ach tha a’ choimhearsnachd seo, le Sabhal Mòr Ostaig na meadhan, a’ dearbhadh fìrinn a chuid lèirsinn.’
B’ ann air sgàth lèirsinn agus oidhirpean Shir Iain a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn ann an 1973, a tha a-nis na cholaiste Ghàidhlig a tha a’ tabhann ghrunn chùrsaichean aig ìre fo-cheum is for-cheum tro mheadhan a’ chànain.
Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Oll Boyd Robasdan:’Tha an Sabhal Mòr na phàirt dhen dìleab luachmhor’nach gabh àicheadh’ aig Iain Noble air an robh Ailean a-mach na òraid agus bha e inntinneach sealladh fhaighinn bho fhear a bha ag obair cho dlùth dha air feallsanachd, dòigh smaoineachaidh is innleachdan Iain. Thog Iain misneachd nan Gàidheal agus an spèis nan cànan tro na rinn e ann an Slèite.’
Bha Sir Iain cuideachd gu mòr an sàs ann an Urras an Eilein thar nam bliadhnaichean, urras a stèidhich e fhèin a tha a’ cur adhart phròiseactan cultarail is foghlaim aig a bheil ceangal ris a’ Ghàidhlig no ris an Eilean Sgitheanach.
Thuirt Murchadh Peutan, stiùiriche phròiseactan Urras an Eilein’Bha an òraid aig Ailean inntinneach, pongail agus na dheagh chuimhneachan air Sir Iain, a’ tarraing air gach taobh de phearsa an duine shònraichte seo. Tha sinn airson taing a thoirt do gach neach a chuidich leis an tachartas seo a chur air bhonn, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an ath òraid chuimhneachaidh an ath-bhliadhna.’
Anns an dealbh a chaidh a thogail aig a’ chiad Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain, tha Lucilla Noble, pìobaire Dr Aonghas Dòmhnallach, seinneadair Cairistìona Primrose, Calum Greumach bho Urras an Eilein, Ailean Caimbeul a thug seachaid an òraid, cathraiche Urras an Eilein Murchadh Peutan, and Iain Tormod MacLeòid agus Boyd Robasdan bho Sabhal Mòr Ostaig.