Skip to content
SMO Generic Banner Image

An taisbeanadh ‘Innis Choinnich’ ga fhosgladh aig Sabhal Mòr Ostaig



Chaidh taisbeanadh fhosgladh an t-seachdain sa chaidh (Diardaoin 6 Dùbhlachd) aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, le obair-ealain a thàinig gu bith fo bhuaidh an eilein eachdraidheil, Innis Choinnich.

San taisbeanadh tha obair cheathrar luchd-ealain – Anne Devine, David Faithfull, Mhairi Killin agus Veronica Slater – a tha, còmhla ris a’ chùradair Alicia Hendrick, nam buidheann ealain a bhios ag ag obair còmhla fon ainm 6ºWEST. Tron obair is an cuid ealantais bidh iad a’ cur air adhart nan nuadh-ealain ann am Muile agus Eilean Ì, air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan, agus san Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis.

Chuir an luchd-ealain seachdain seachad còmhla ann an 2011 air an eilean bheag a tha far costa an Eilein Mhuilich, agus thog iad air diofar shnàithleanan bho eachdraidh ioma-fhillte an eilein nan obair. Tha eachdraidh fhada agus inntinneach aig Innis Choinnich, bho an Naomh Coinneach, a bha am measg nam manach a thàinig a dh’Alba còmhla ri Calum Cille, a thug ainm air an eilean chun an teaghlaich annasaich, na Mitfords, aig an robh sealbh air an aon taigh san eilean gu deireadh nan 1960an.

Tha Mhairi Killin an-dràsta na Neach-ealain Lèirsinne air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, agus thar nam 20 a dh’fhalbh tha i air àite a ghleidheadh dhi fhèin ann an saoghal nan nuadh-ealain Albannach mar neach-ealain le a guth sònraichte fhèin. Ann an 2011, bha i air Mhuinntireas leis an Sgeama RSA aig Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath, agus tha an obair aice air nochdadh ann an iomadh taisbeanadh, nam measg an taisbeanadh den obair bho Leabhar Mòr na Gàidhlig a chaidh air chuairt eadar-nàiseanta. Ann an 2013, bidh Màiri na Neach-ealain air Mhuinntireas ann an Colonaidh Luchd-ealain Leighton, aig Ionad Ealain Banff ann an Canada, far a bheil i an dùil togail air an obair a nì i is na cuspairean a nochdas na h-obair rè na h-ùine a bhios i san Eilean Sgitheanach.

A’ bruidhinn air an taisbeanadh, thuirt Mhairi: “Bha an ùine a chuir mi seachad còmhla ri 6ºWEST ann an Innis Choinnich sònraichte sa h-uile dòigh agus tha mi an dòchas gu bheil a’ bhuil ri fhaicinn san obair a rinn sinn. Tha an obair-ealain a chì sibh san taisbeanadh mar phàirt de thaisbeanadh nas motha a chaidh a shealltainn ann am Fèis Ealain Dhùn Èideann san Lùnastal agus thèid a chumail aig an Lanntair sa Ghearran. Le bhith sealltainn nan dealbhan clò-bhuailte seo aig Sabhal Mòr agus mi air mhuinntireas an seo, bheir e beachd do dhaoine air an seòrsa obrach a bhios mi a’ dèanamh le 6ºWEST agus na cuspairean a bhios mi, mar neach-ealain, a’ nochdadh nam obair san fharsaingeachd.”

Mar phàirt den ùine aice aig a’ cholaiste, bidh Mhairi a’ cumail sheiseanan sònraichte gach mìos san stiùidio aice aig an t-Sabhal Mhòr, na ‘Còmhraidhean Stiùidio, far am faod daoine tadhal airson cupa tì is còmhradh. Faodaidh daoine bruidhinn air cuspairean mar an t-àite a th’ aig na h-ealain lèirsinne ann an cultar nan Gàidheal agus dè an t-àite a th’ aig neach-ealain aig Sabhal Mòr Ostaig agus sna coimhearsnachdan Gàidhealach san fharsaingeachd. Bidh aon cheist shònraichte ann aig gach seisean air am faod daoine beachdachadh cuideachd.

Bidh an taisbeanadh ‘Innis Choinnich’, le obair bhon cheathrar luchd-ealain, ri fhaicinn san Atrium aig Àrainn Chaluim Chille aig SMO gu 30 Faoilleach. Chaidh an dreuchd Neach-ealain Lèirsinne air Mhuinntireas air a maoineachadh le prògram Creative Futures aig Alba Chruthachail.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578