Skip to content
SMO Generic Banner Image

Balaich Runrig a’ faighinn duaisean chliùiteach an t-Sabhail Mhòir



Chaidh dìnnear a chumail le Sabhal Mòr Ostaig OGE o chionn ghoirid airson duais nan Sàr Ghàidheal a thoirt do na bràithrean Ruairidh agus Calum Dòmhnallach bhon chòmhlan ainmeil Runrig. 

B’ ann aig Ceumnachd na bliadhna-sa san Dàmhair a chaidh an t-urram a bhuileachadh orra.  Leis nach b’ urrainn dhaibh a bhith an làthair, chaidh bhideo a chlàradh leotha ‘s a shealltainn don fheadhainn a bha ann. 

Tha mòran cheanglaichean air a bhith eadar na bràithrean agus an an t-Sabhal thar nam bliadhnaichean.  B’ e Ruairidh Dòmhnallach a dhealbhaich a’ chiad shuaicheantas aig a’ Cholaiste, chluich an còmhlan san Talla Mhòr sna tràth làithean, bha Donnie Rothach a tha na Stìuiriche Leasachaidh is Ealain aig an t-Sabhal na chompanach aca sa chòmhlan agus bha iad fhèin is Prionnsapal an t-Sabhail, an t-Oll Boyd Robasdan, sa bhun-sgoil còmhla. 

Thuirt an t-Oll Robasdan: “Bha e iomchaidh gun deach inbhe Sàr Ghàidheil a bhuileachadh air na bràithrean Dòmhnallach airson mar a dh’ùraich agus a’ leudaich iad stòras òrain nan Gàidheal agus na rinn iad gus ceòl na Gàidhlig a thoirt gu aire an t-saoghail is òrain Ghàidhlig a chur air bilean an t-sluaigh tron chòmhlan Runrig. Bha e freagarrach dhà-rìribh gur e duais nan Sàr Ghàidheal a thoirt do Ruairidh is Calum Dòmhnallach an gnìomh oifigeil mu dheireadh a bh’ aig Ruaraidh Iain MacLeòid mar Chathraiche an t-Sabhail.  Bha e fhèin is na bràithrean nan sgoilearan còmhla ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus bha e na neach-comhairleachaidh lagha aca nuair a stèidhich iad an còmhlan.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578