Skip to content
SMO Generic Banner Image

Bòrd na Gàidhlig a’ toirt tabhartas-taice ùr do dh’Fhàs Mòr



Chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo gu bheil Fàs Mòr, an t-ionad cùram-chloinne ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, air gealltanas ùr air maoineachadh £48,000 fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig thairis air an ath thrì bliadhna gus cur ris an obair a tha iad a’ dèanamh a thaobh cùram-chloinne Gàidhlig agus gus togail air an obair sin.

Tha Fàs Mòr air a bhith faighinn taic gach bliadhna bho Bhòrd na Gàidhlig is Comhairle na Gàidhealtachd gus cuideachadh leis na cosgaisean a tha an lùib a bhith toirt seachad seirbheis cùram-chloinne sa ghoireas aca stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha a’ cholaiste fhèin cuideachd air taic air leth feumail a thoirt do dh’Fhàs Mòr a thaobh rianachd is ghoireasan. Tha Bòrd na Gàidhlig a-nis air sùim nas motha ainmeachadh, £16,000 gach bliadhna, agus leis an aonta trì-bliadhna faodaidh Fàs Mòr coimhead ri bhith coileanadh nan amasan is na h-obrach aca le barrachd cinnt.

Mar phàirt den aonta, bidh aig Fàs Mòr ri cur ri amasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig, agus bidh iad ag ullachadh plana-gnìomh a chuidicheas le sin.

Thuirt an Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, Màiri NicIlleMhaoil: “Tha Fàs Mòr na ghoireas cudromach do dh’Fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach. Tha Bòrd na Gàidhlig dealasach do dh’fheabhas agus leasachadh fhaicinn aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean agus siridh iad gach dòigh gus seo a dhèanamh. Thar nam bliadhnaichean tha Fàs Mòr air a bhith gu math soirbheachail gus Gàidhlig a neartachadh am measg dhaoine òga is tha sinn air leth deònach taic a chumail riutha gus soirbheachas fhaicinn anns na bliadhnaichean ri teachd.”

A’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Cathraiche a’ Bhùird aig Fàs Mòr, Flòraidh NicIllEathain: “Tha sinn dha-rìribh taingeil agus glè thoilichte gun d’fhuair sinn an gealladh airson an t-sùim airgid seo bho Bhòrd na Gàidhlig thairis air na trì bliadhnachan a tha ri thighinn. Bheir e deagh chothroman dha Fàs Mòr gluasad air adhart le pròiseactan airson a’ chànain a neartachadh a-measg na cloinne agus muinntir na coimhearsnachd. Tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith taiceil gu Fàs Mòr bhon fhìor thoiseach, agus gu dearbh tha sin air a bhith na bhuannachd do phàrantan a tha ’g obair anns an sgìre, agus don choimhearsnachd air fad.”

Thuirt manaidsear Fàs Mòr, Lisa Corse: “Tha sinne aig Fàs Mòr uabhasach toilichte an deagh naidheachd seo a chluinntinn. ’S e àite àraid, sònraichte a th’ ann am Fàs Mòr far a bheil sinn a’ toirt cothrom a bharrachd do chloinn suas gu 12 bliadhna a dh’ aois Gàidhlig a bhruidhinn agus a chluinntinn. Gheibh clann bho dhachaighean anns nach eil Gàidhlig cothrom Gàidhlig a bhruidhinn agus a chluinntinn agus ’s e rud eagalach cudromach gum faigh a’ chlann cothrom a bhith ann an àrainneachd Ghàidhlig taobh a-muigh na sgoile. Tha sinn cuideachd a’ toirt barrachd misneachd is fileantais don chloinn agus tha sin a’ toirt misneachd do phàrantan aig nach eil Gàidhlig a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. A thaobh a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig, tha Fàs Mòr a’ coileanadh ceithir a-mach à ochd de na prìomh amasan.”

’S e ionad cùram-cloinne Gàidhlig a th’ ann am Fàs Mòr, a tha tabhann cùram do chloinn suas gu aois 12, agus tha 81 pàiste clàraichte aig an ionad an-dràsta. Chaidh Fàs Mòr a stèidheachadh ann an 2004 agus tha e air cliù a chosnadh dha fhèin agus e a’ toirt sàr sheirbheis dhan choimhearsnachd agus a’ dèanamh feum mòr dhan Ghàidhlig. Bidh e tric a’ faighinn moladh bho Luchd-sgrùdaidh nan Seirbheisean Cùraim nuair a bhios iad a’ dèanamh an sgrùdaidh bhliadhnail aca, agus bidh pàrantan cuideachd a’ moladh na seirbheis a gheibh iad fhèin is an cuid chloinne. Cuideachd, chaidh ainmeachadh mar Ghnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna an-uiridh.

Tha an t-seirbheis cùram-chloinne air a cumail tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin, agus tha an t-ionad a’ toirt obair làn-thìde do thriùir luchd-obrach (a’ gabhail a-staigh dreuchd a’ mhanaidseir), agus tha dithis luchd-obrach pàirt-ùine ag obair ann.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578