Skip to content
SMO Generic Banner Image

Cathraiche ùr air Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir



Tha Sabhal Mòr Ostaig toilichte Éadaín Ní Mháille ainmeachadh mar Chathraiche ùr Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir.  Tha Éadaín a’ gabhail thairis bhon Mhorair Minginis, Ruaraidh Iain MacLeòid, a leig dheth a dhreuchd aig deireadh 2015, as dèidh seachd bliadhna fìor shoirbheachail sa chathair. 

‘S ann bho theaghlach Ghaeilge ann an Conamara, Èirinn a tha Éadaín agus thogadh i ann am Baile Àth Cliath.  Na dreuchd proifeiseanta mar thidsear, tha i air obrachadh ann an Alba, Èirinn, a’ Bheilg agus san Eadailt far an robh i a’ fuireach fad ochd bliadhna deug agus far an do thog i teaghlach le Gàidhlig.  Thill i a dh’ Alba ann an 2006 agus thòisich i na h-Urrasair is na Ball dhen Bhòrd ann an 2007.  Tha i air a bhith na h-Iar-Cathraiche bho 2010.

A’ bruidhinn mun dreuchd ùr seo thuirt Éadaín, “Tha mi mothachail agus moiteil dhen onair a tha air a bhuileachadh orm ri linn m’ ainmeachadh mar Chathraiche Bòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir.  Ach is è dùbhlan a th’ann cho math ri onair: nì mi mo dhìcheall ach am bi am Bòrd a’ cumail taic ri obair sgioba an t-Sabhail Mhòir, a’ dealbhachadh slighe romhainn a leigeas leis a’ Cholaiste àite a ghabhail ann an leasachadh cànain, cultar agus caitheamh-beatha nan Gàidheal agus a’ cur ri obair sgoilearachd na Gàidhlig ann an Alba is nas fharsainge.”

Tha a cuid eòlais mu chànanan agus a bhith a’ teagasg aig diofar ìrean agus comasan a’ ciallachadh gu bheil tuigse air leth aice mu fhoghlam agus mun Ghàidhlig agus thèid na sgilean sin an cur gu feum san dreuchd ùir seo. 

Thuirt Prionnsapal an t-Sabhail, an t-Oll Boyd Robasdan, “Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith air leth fortanach leis na Cathraichean a tha air a bhith air a’ Bhòrd-stiùiridh tro na bliadhnaichean agus tha sin a’ leantainn le Éadaín.  Tha sealladh is eòlas farsainn aice air cànanan is cultaran agus air foghlam, an saoghal poblach is buidhnean Eòrpach agus bidh sin na bhuannachd mhòr dhan Cholaiste ann a bhith cur ri leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd.”

Cuideachd chaidh aontachadh gum biodh Aonghas MacLeòid, neach-lagh à Inbhir Nis mar Iar-Chathraiche.  Tha Aonghas na cho-phàirtiche stiùiridh aig a’ chompanaidh Wright Johnston & Mackenzie LLP, ag obair gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd is air feadh nan eilean.  Tha e na bhall de Chomunn Rìoghail nan Ealan agus bhuannaich e am Bonn Òir aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis ann an 2014.    

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578