Ceangal Choimhearsnachdan air a’ Chosta: Rannsachadh cheanglaichean eadar nòsan iasgaich ann an coimhearsnachdan na h-Alba
Tha Colmcille’ prògram com-pàirteachais a tha ag adhartachadh dualchas cànanach is cultarach co-roinnte na h-Èireann agus na h-Alba’ a’ cur taic ri rannsachadh ùr a tha a’ coimhead ris na ceanglaichean eadar nòsan iasgaich coimhearsnachdan nan eilean san dà dhùthaich.
Bheir maoineachadh Cholmcille cothrom do dh’Iain MacFhionghain às an Eilean Sgitheanach diofar thaobhan de dhualchas iasgaich Arainn Mhòir ann an Sgìre Dhùn nan Gall agus Barraigh sna h-Eileanan Siar a rannsachadh. Gheibh e taic bho Liam Caimbeul à Dùn nan Gall. Tha an dithis air a bhith ag obair ann an Oilthigh Ulaidh. Tha iad air a bhith a’ rannsachadh cuid de na creideasan is cleachdaidhean sònraichte co-cheangailte ris an fhearann agus ri nàdar a tha nam pàirt iomlan den chultar Ghàidhlig, agus ri ceanglaichean eadar na nòsan sin agus cleachdaidhean obrach traidiseanta.
Chaidh an rannsachadh sin a spreagadh nuair a mhothaich Iain, a bha a’ fuireach ann an Èirinn aig an àm, gun robh coimhearsnachdan ann an Arainn Mòr agus Barraigh a’ cur an aghaidh reachdas àrainneachdail an riaghaltais, a bhathar an dùil a bheireadh buaidh air an iasgach.
Thuirt Iain: “Ged a tha na cùisean sònraichte glè fhaicsinneach’ bacadh air iasgach bhradan le lìn drioftaidh ann an Dùn nan Gall agus comharrachadh àrainneachdail san amharc anns na h-uisgeachan mu thimcheall Bharraigh’ tha draghan air na h-eileanaich mun chunnart a thaobh obraichean san iasgach, mun chall àireamh sluaigh a dh’fhaodadh a thighinn gu bith agus a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aige air brìgh na beatha anns na
h-eileanan.’
Bidh an rannsachadh, a tha a’ faotainn taic bho Cholmcille, a’ sireadh ri ceanglaichean a stèidheachadh agus a dhaingneachadh, eadar an dà chuid cleachdaidhean is nòsan
co-cheangailte ris a’ mhuir a chaidh a chlàradh roimhe agus modhan iasgaich an latha
an-diugh. Bidh na rannsaichean a’ ceasnachadh iasgairean nan eilean mu dhòighean stiùiridh iasgaireachd san àm a dh’fhalbh, mu na h-atharrachaidhean a chunnaic iad nam beatha fhèin agus mu dheidhinn nan adhbharan a tha iad a’ faireachdainn cho làidir mu chudromachd na mara mar phàirt de an dòigh-beatha, chun na h-ìre agus gu bheil iad deònach seasamh an aghaidh pròiseasan co-dhùnaidh an riaghaltais aca.
Thuirt Iain cuideachd:’Tha an rannsachadh a tha mi fhìn agus Liam air a bhith a’ dèanamh a’ nochdadh gu bheil sluagh na Gàidhlig air a bhith a-riamh a’ faicinn an t-saoghail nàdarraich ann an dòigh shònraichte. Bhon dòigh smaoineachaidh seo mun t-saoghal, tha sinn air cleachdaidhean a chruthachadh a thaobh mar a bhathar a’ dùileachadh do dhaoine a bhith beò air an fhearann, agus a bhith ag obair’s a’ dèanamh feum de ghoireasan mara is fearainn. Is ann bho na creideasan tùsail sin, mar eisimpleir, a thàinig an t-siostam croitearachd ann an Alba.
‘Tha sinn air leth taingeil do Cholmcille airson an cothrom a thoirt dhuinn an obair seo a choileanadh, obair a bhios a’ sgrùdadh mar a dh’fhaodadh nòsan iasgaich nan coimhearsnachdan Gàidhlig freagradh air an dòigh smaoineachaidh seo air an t-saoghal.’
Thuirt Liam Caimbeul, a thogadh ann am Burt ann an Dùn nan Gall:
‘Tha an dithis againn air mothachadh bhon rannsachadh againn gu bheil am faireachdainn làidir mu bhuntainneas agus uallach don àite àraich’ ris an canar dùthchas sa Ghàidhlig’ air a bhith na adhbhar spreagaidh cudromach anns na h-iomairtean a tha a’ cur taic ri diofar thaobhan de ar cultar.
‘Tha e doirbh am facal Dùthchas a mhìneachadh ach tha e a’ giùlain mothachadh don bhuntainneas a tha neach a’ faireachdainn airson àite’ buntainneas a tha a’ tighinn beò tron cheangal a tha aig neach don àite aca ann an sgeulachd, òran, obair an fhearainn agus nan cuimhne air na daoine a bha a’ fuireach ann.’
Thuirt Iain MacFhionghain:
‘Tha tuigse a’ sìor fhàs gu h-eadar-nàiseanta mu chudromachd dhualchasan eadar-mheasgte cultarach a’ chinne-daonna agus na cànanan a tha a’ lìbhrigeadh na h-iomadachd sin. Tha tèarmann ga chur an sàs gus an cuideachadh agus an dìon.
‘Aig an aon àm, tha poileasaidhean iasgaich a’ gluasad a dh’ionnsaigh buileachadh barrachd uallaich air na h-iasgairean fhèin, a’ tairgsinn dhaibh comas air barrachd cho-dhùnaidhean a dhèanamh gu h-ionadail air mar a tha iasgach ga choileanadh ann an uisgeachan na h-Alba agus na h-Èireann.
‘Bhiodh e gu buannachd mhòr nam b’ urrainn do dhòighean labhairt agus smaoineachaidh luchd na Gàidhlig mun t-saoghal a bhith air an cumail suas agus air an cuideachadh aig an aon àm ri dìon na h-àrainneachd nàdarraich a tha mar phàirt de ar dùthchas.’