Skip to content
SMO Generic Banner Image

Ceannard Rannsachaidh ùr do Shabhal Mòr Ostaig



Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, toilichte fàilte a chur air Abigail Burnyeat mar Cheannard Rannsachaidh ùr na Colaiste. 

Fhuair Abigail Burnyeat a cuid foghlaim ann an Oilthighean Chambridge agus Ghlaschu, agus bha i na h-Òraidiche ann an Ceiltis agus Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha i ag obair air ealain-aithris na Gàidhlig, agus air na sgeulachdan mòra gaisgeil, eadar làmh-sgrìobhainnean meadan-aoiseach agus seanchas an latha an-diugh. Tha i cuideachd a’ rannsachadh an Ath-bheòthachaidh Cheiltich ann an Alba, agus mar a bhios clann a’ leughadh sa Ghàidhlig.

Chuir Prionnsapal na Colaiste, Dr Gillian Rothach, fàilte air an naidheachd ag ràdh, “Cuiridh Abi gu mòr ri àrainneachd rannsachaidh Shabhal Mòr Ostaig.  Bidh i a’ brosnachadh oileanaich is luchd-obrach a bhith a sìor leasachadh an cuid sgilean rannsachaidh tro fhoillseachaidhean, phròiseactan rannsachaidh, agus iomairtean aiseag eòlais.  Bidh i a’ leudachadh clilù na Colaiste mar sàr àite airson cho-labhairtean rannsachaidh; agus bidh i a’ stiùireadh obair ullachaidh SMO airson Frèam Sàr-mhaitheis Rannsachaidh 2021.”

Tha Abigail cuideachd air grunn cho-labhairtean ùr-ghnàthach a chur air dòigh ann an raon na Ceiltis, agus tha i air obrachadh còmhla ri sgoiltean, buidhnean nàiseanta, agus buidhnean ealain gus sgeulachdan Gàidhlig a thoirt gu luchd-èisteachd ùra, tro phròiseactan foghlaim, tachartasan, agus taisbeanaidhean.

Tha i ag ràdh, “Tha e a’ toirt togail mhòr dhomh a bhith nam bhall de Shabhal Mòr Ostaig OGE, far am bi cothrom agam obrachadh leis an t-sàr luchd-rannsachaidh aca, ceanglaichean nàiseanta agus eadar-nàiseanta na colaiste a dhaingneachadh, agus taic a thoirt don rannsachadh a th’ aig cridhe Ionad Nàiseanta na h-Alba airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578