Skip to content
SMO Generic Banner Image

Obair ealain, ceòl agus dràma uile mar phàirt de Cheòl Mòr Ostaig



Bidh luchd-ealain, luchd-dràma is luchd-ciùil bho Sabhal Mòr Ostaig a’ tadhal air Glaschu Disathairne (26 Giblean) airson tachartas sònraichte a chumail gus na h-ealain Ghàidhlig a thaisbeanadh sa bhaile. Seo an treas ‘Ceòl Mòr Ostaig’, a thèid a chur air dòigh ann an co-bhuinn ri Ceòl ’s Craic, buidheann a bhios a’ cur air adhart nan ealain Gàidhlig ann an Glaschu.

Bidh an latha a’ tòiseachadh le taisbeanaidhean bho dithis a bha nan luchd-ealain air mhuinntireas aig a’ Cholaiste, Jessica Ramm agus Alex Boyd agus cuideachd air an fheasgar thèid bùithtean-obrach dràma Gàidhlig a chumail do dheugairean. Air an oidhche bidh oileanaich SMO a’ sealltainn ‘An Sgeir’, taisbeanadh dràma a tha iad air a sgrìobhadh agus a chur air dòigh le taic bho Artair Donald, a tha na Neach-dràma air Mhuinntireas aig SMO. Chaidh ‘An Sgeir’ a sgrìobhadh le Buidheann Dràma Sabhal Mòr Ostaig, agus san dràma tha iad a’ cleachdadh cleasachd, ceòl agus film gus ceistean a thogail mu chàirdeas, gaol agus na tha dachaigh a’ ciallachadh. Às dèidh an dràma, bidh ceòl ann bho oileanaich chiùil na Colaiste agus Kathleen NicAonghais agus Ros Màrtainn.

Thuirt Kath NicLeòid, an t-Oifigear Leasachaidh Ealain aig SMO: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil dithis den luchd-ealain lèirsinne a tha air a bhith air mhuinntireas againn aig SMO gu bhith gabhail pàirt ann an Ceòl Mòr Ostaig am-bliadhna. Chan e a-mhàin gu bheil na h-ealain lèirsinne gu bhith gan taisbeanadh, ach cuideachd bidh dràma mar phàirt den latha le Artair Donald agus na h-oileanaich, a thuilleadh air ceòl fìor mhath bho Kathleen NicAonghais, Ros Màrtainn agus na h-oileanaich chiùil againn fhìn. Bha a’ cholaiste riamh na dachaigh dha na h-ealain, agus eadar na dreuchdan air mhuinntireas a th’ againn a-nis a tha toirt dachaigh do luchd-ealain, luchd-dràma, luchd-ciùil agus sgrìobhadairean gach bliadhna, am prògram ceuma ciùil againn agus na cùrsaichean goirid, tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur air adhart nan ealain Gàidhlig ann an iomadh dòigh agus aig iomadach ìre. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri latha is oidhche shònraichte eile còmhla ri muinntir Cheòl is Craic ann an Glaschu far am bi na h-ealain Ghàidhlig gu mòr am follais agus toraidhean na h-obrach cruthachail a tha ga brosnachadh aig a’ Cholaiste agus ann an Glaschu.”

A’ bruidhinn air an oidhche, thuirt Iseabail Mhoireach bho Cheòl is Craic: “Tha Ceòl ’s Craic a’ coimhead air adhart ri fàilte mhòr a chur air Sabhal Mòr Ostaig gun tachartas againn ‘Ceòl Mòr Ostaig’ aig an CCA Disathairne 26 an Giblean. Tha prògram na bliadhna-sa a’ toirt a-steach farsaingeachd de sgilean is tàlantan a tha a’ dearbhadh an adhartais a thathar air a dhèanamh agus ìre na h-obrach a gheibhear a thaobh ceòl, dràma agus na h-ealain lèirsinne aig a’ Cholaiste. Tha sinn gu sònraichte toilichte gum bi dràma nan oileanach (‘Sgeir’) air a’ phrògram am-bliadhna airson a’ chiad turas.”

Chaidh Ceòl ’s Craic a stèidheachadh ann an 2004 mar mheadhan gus cultar Gàidhlig an latha an-diugh a chur air adhart agus a bhrosnachadh ann am Baile Ghlaschu.

Tòisichidh Ceòl Mòr Ostaig aig 2.30f, le taisbeanaidhean bhon luchd-ealain agus an uair sin bidh bùithtean-obrach dràma ann mus tòisich consairt na h-oidhche, agus thèid gach nì a chumail san CCA ann an Glaschu. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun tachartas agus mu thiogaidean, tadhlaibh air http://www.ceolscraic.org.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578