Skip to content
SMO Generic Banner Image

Chris Drury – An Tìr, an t-Uisge is an Cànan



‘On a choisich mi nam fhicheadan o Eilean Leòdhais gu Eilean Bharraigh, tha dùthaich lochan Uibhist a Tuath, fo sgàil Eabhal, air fantail leam. B’ e mo mhiann gun tillinn airson cuairtean nan lochan, na mara is na tìre a shiubhal.

Ann an 1997, rinn mi an obair-ealain mun mhuir/na speuran, Both nam Faileas, aig Sponais, Loch nam Madadh, a thug iomradh air an dàimh eadar an tìr (eileanan) agus an t-uisge.’

Thòisich am pròiseact air tìr is uisge san t-Sultain 2009 nuair a chaidh Drury is Anndra MacFhionghain (stiùiriche film is neach-tasgaidh Thaigh Chearsabhagh) air chuairt air feadh Uibhist fad dà latha an curaich Chanadanach, bho chladach an iar-dheas gu Loch nam Madadh san ear-thuath. Bha soirbheas air an cùlaibh is chuir iad rithe na siùil nuair a b’ urrainn, is shnìomh iad air feadh nan lochan is nan slighean-uisge, a’ slaodadh na curaich eatarra thàr na mòintich. 

‘˜S e an taisbeanadh seo toradh na cuairt deuchainnich is chithear curach a’ crochadh a tha fighte le seileach, fraoch is craicinn bhradain, a tha na soitheach fhosgailte do smuaintean, mothachadh is an àrainneachd chruthaichte.

‘˜S e àrainneachd àitichte is ainmichte a tha seo a’ dol air ais chun linne Nua-Leacaich, mar sin tha an cànan is na h-ainmean fighte sa chultar. Tha dà dhealbh air a’ bhalla, a’ cruthachadh ìomhaigh dhidseatach den àrainneachd is iad a’ fighe nam faclan Gàidhlig, Lochlannais is Beurla a th’ air na lochan, na h-eileanan is na cnuic a chithear às Eabhal.

Tha dealbhan eile ann a tha a’ toirt sùil air meanbh-shaoghal sreath-ghinich a’ mheanbh-chreutair a tha beò air meatan sa mhòine a chumas rian air sgaoileadh a’ ghas seo don iarmailt. Tha an obair-ealain seo agus Na Trì Seallaidhean  de Eabhal dèante de stuth an talamh seo fhèin; a’ mhòine.

Anns an obair-ealain mu dheireadh Breath/Anail (ann an studio 1), chithear bhideo leantainneach de stuadh, a bhathar an dùil beothachadh le inneal-iomraidh, gar toirt air ais gu linn thùsail an eilein iomallaich seo’ gu gaoth, anail is spiorad, ach a’ toirt rabhadh seachad air atharrachadh sìde, èirigh àirde a’ chuain is cunnartan stoirme is tuile a tha a’ sìor-fhàs nas cumanta.

‘˜Tha Uibhist is Beinn nam Fadhla san sgìre sruthaidh far a bheil a’ mhuir, na lochan is an talamh gam fighe nan tuinn, mar a bhios a’ mhuir a’ tràghadh air a’ chladach. Tha na h-eileanan is a’ mhuir fo sgàil Eabhal sa cheann a tuath is Hecla sa cheann a deas, dà ainm Lochlannach a’ riochdachadh àrainneachd a bha a’ sìor-atharrachadh ann an eachdraidh is a thaobh cànain. Tha an dùthaich seo iom-fhillte: an t-àite fhèin’ a’ ghaoth, an t-uisge, an solas, glaodh na guilbnich, fuaim nan tonn, splaidse dhonn no mòintich is boladh smùid na mòine às na similearean’ fighte le cultar nan ainmean-àite air a’ mhapa, an dà chuid ann an Gàidhlig is Lochlannais:
Loch Tarruinn an Eithir, Loch Obasaraidh, Bàgh Spònais, Eilean nan Caorach, Loch na Caillich, is mar sin air adhart

 Mar sin, tha cànan is ciall is eachdraidh dlùth-fhighte san àite iomallach seo. Agus le bhith a’ cleachdadh dealbhan saideil, thèid againn air coimhead air a’ bhreacadh seo de thìr is uisge, air na breacaidhean de shìde a tha a’ sìor-atharrachadh a tha mar ìomhaigh den tìr a tha fodhpa. Aig a’ cheart àm, thèid againn air a’ mheanbh-shaoghal, air na meanbh-chreutairean stèidhichte sa mhòintich agus fios againn à rèir saidheans gu bheil na meanbh-chreutairean seo a’ toirt buaidh air an tìde anns a bheil a h-uile rud beò.’™

Chris Drury

Chaidh An Tìr, An t-Uisge is an Cànan a chur air bhonn le  Taigh Chearsabhagh, Ionad-Tasgaidh is Ealain, Uibhist a Tuath.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578