Cuideachadh le planadh nan ealan Ghàidhlig san àm ri teachd
Thathar a’ toirt cuireadh do roinn nan ealan ann an Alba a dhol an sàs ann an leasachadh agus liubhairt Ro-Innleachd Nàiseanta nan Ealan Ghàidhlig a thathar a’ sgrìobhadh gu làithreach gus a bhith air a ghabhail a-steach don ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig (2012-17). Thathar a’ toirt cuireadh do bhuidhnean le ùidh Ballrachd Caidreachais a ghabhail ann am Fòram Comhairleachaidh Ro-Innleachd Nàiseanta nan Ealan Ghàidhlig.
Thuirt Brian Ó hEadhra, Oifigear Ealain & Cultair na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig is Alba Chruthachail: “‘S e pàirt mhòr chudromach de bheatha chultarach na h-Alba a th’ anns a’ Ghàidhlig’ bho ar sgeulachdan traidiseanta, òrain, dannsa agus dràma gu fìor àirde na h-obrach chruthachail a tha a’ dol air adhart san latha a th’ ann.’
‘Thathar an dùil gun dèan an ro-innleachd cinnteach gum bi a’ phàirt dheatamach seo de ar saoghal cruthachail a’ leantainn air adhart a’ brosnachadh, ag ùr-ghnàthachadh agus a’ saidhbhreachadh cultar na h-Alba anns na bliadhnaichean a tha romhainn. ‘S e cothrom air leth a th’ ann do bhuidhnean ealain co-obrachadh anns an ath cheum de phlanadh ann an leasachadh nan ealan Ghàidhlig ann an Alba.’