
Cuirm-chiùil shònraichte aig Celtic Connections a’ comharrachadh an 40mh ceann-bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig
Mar phàirt de shreath de thachartasan a bhios a’ comharrachadh ann an 2013 gu bheil 40 bliadhna ann bhon a chaidh Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, a stèidheachadh, tha an fhèis chiùil ainmeil Celtic Connections gu bhith cur air dòigh ‘Cuirm-chiùil an t-Sabhail – SMO a’ comharrachadh 40 bliadhna’. Tha a’ chuirm-chiùil mar urram dhan cholaiste is an obair phrìseil is thorrach a tha i air a dhèanamh mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus gus comharrachadh mar a tha Sabhal Mòr air buaidh mhòr a thoirt air beatha chultarach na h-Alba thar nan dà fhichead bliadhna a dh’fhalbh.
Thèid a’ chuirm-chiùil a chumail air 19mh dhen Fhaoilteach aig 7.30f ann an Tallaichean a’ Bhaile (no City Halls) ann an Glaschu mar phàirt de Celtic Connections, prìomh fhèis chiùil a’ gheamhraidh ann an Alba a thèid a chumail ann an 2013 eadar an 17mh dhen Fhaoilteach is an 3mh dhen Ghearran.
Thuirt Donaidh Rothach, An Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain agus a chuir an tachartas air adhart còmhla ri Stiùiriche Celtic Connections Dòmhnall Seathach: “Bhon a chaidh Sabhal Mòr a chur air chois, tha i air a bhith aig cridhe na h-iomairt gus cànan is cultar nan Gàidheal ath-bheothachadh agus tha i air cur gu mòr ri leasachaidhean ann an Alba a thaobh nan ealain, cànan agus gnothaichean sòisealta is eaconamach. Bhon fhìor thoiseach, tha SMO air beachd a ghabhail air cùisean le lèirsinn ioma-thaobhach, agus dh’aithnich sinn nach b’ urrainn dhuinn coimhead air ath-bheothachadh a’ chànain, a’ chultair agus na coimhearsnachd bho shealladh foghlaim a-mhàin. Tha gach pàirt dhen obair leasachaidh is ath-nuadhachaidh co-cheangailte is an lùib a chèile, agus tha an co-dhàimh seo gu sònraichte follaiseach sna h-ealain. Mar sin, tha àite glè chudromach air a bhith aig na h-ealain ann an eachdraidh an t-Sabhail mar Ionad Cultarach Nàiseanta agus bhiodh e fìor a ràdh gu bheil ceangal air a bhith aig tòrr de na prìomh dhaoine a tha an sàs sna h-ealain, foghlam, ceòl is obair chultarach ann an Alba ri obair is saoghal na colaiste.”
Thuirt Mgr Rothach cuideachd, gum biodh a’ chuirm-chiùil shònraichte seo, sa bhliadhna shònraichte seo a’ cur nar cuimhne uair eile cho fìor chudromach agus a tha Sabhal Mòr Ostaig do dh’Alba agus i mar ‘leug phrìseil’ dhan nàisean.
Bheir a’ chuirm-chiùil còmhla feadhainn dhen luchd-chiùil as tàlantaiche agus as iomraitiche a th’ ann bho na diofar ghinealaichean agus aig a bheil, no aig an robh, ceangal làidir ris a’ cholaiste thar nam bliadhnaichean mar oileanaich, oidean, luchd-ciùil air mhuinntireas agus an luchd-ciùil bho dhiofar dhùthchannan a tha air cur gu mòr ris an t-seasamh eadar-nàiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig tro obair chom-pàirt air leth cudromach.
Am measg an luchd-chiùil eadar-nàiseanta sin, a tha air taic a thoirt dhan cholaiste thar nam bliadhnaichean, tha Proifeasair Mícheál Ó Súilleabháin, neach-piàna is sgrìobhaiche-ciùil iomraiteach à Èirinn a tha na Stiùiriche air Ionad Ceòl an t-Saoghail aig Oilthigh Luimneach. Bidh e a’ nochdadh mar ‘aoigh sònraichte’ aig a’ chuirm agus bidh e a’ cluich còmhla ri buidheann le ionnsramaidean teuda bho Conservatoire Rìoghail na h-Alba, agus còmhla ri Niall Keegan agus Sandra Joyce.
Thuirt Proifeasair Ó Súilleabháin: “Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith gabhail pàirt sa chuirm-chiùil shònraichte seo a tha comharrachadh gur e 40 bliadhna a th’ ann bhon a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh. Bidh oidhche fìor mhath ann còmhla ri Julie Fowlis, Alasdair Friseal agus a h-uile duine eile a bhios a’ nochdadh air an àrd-ùrlar.”
Tha Julie Fowlis, an seinneadair is neach-ciùil Gàidhlig, air iomadh duais a ghlèidheadh agus a guth seinn ri cluinntinn air an fhilm shoirbheachail aig Disney Pixar, ‘Brave’, a chaidh fhoillseachadh am-bliadhna agus bha Julie agus an neach-ciùil ainmeil Nicola Benedetti a’ cluich còmhla aig cuirm-chrìochnachaidh Cupa Ryder 2012. Tha Julie cuideachd a-nis na Neach-ciùil air Mhuinntireas aig a’ phròiseact Tobar an Dualchais.
Thuirt Julie: “’S e urram a th’ ann dhomhsa a bhith an sàs anns a’ chuirm seo a tha a’ comharrachadh 40 bliadhna bhon a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith air àrd-ùrlar còmhla ri caraidean – sean is ùr – bhon t-Sabhal Mhòr. Tha an ceangal a th’ agam ris a’ cholaiste air fàs bhon a chaidh mi ann an toiseach ann an 2000, agus as dèidh dhomh ceumnachadh an-uiridh le for-cheum. Tha mi toilichte na ceanglaichean sin a neartachadh am-bliadhna leis an obair ùr agam às leth Tobar an Dualchais.”
Tha an sàr fhìdhlear, Alasdair Friseal, air a bhith tighinn gu SMO gus teagasg aig na cùrsaichean-goirid airson còrr is 25 bliadhna, agus tha e air aon de iomadh neach-ciùil le cliù eadar-nàiseanta a tha air ceangal a chumail ris a’ cholaiste thar nam bliadhnaichean.
Thuirt Alasdair: “Thàinig Sabhal Mòr Ostaig gu bith aig àm nuair a bha cruaidh fheum againn, air a’ Ghàidhealtachd agus gu dearbh ann an Alba, air àite a bhiodh aig teis-meadhan na h-obrach a bha dhìth airson Gàidhlig ath-bheothachadh, àite a chuireadh an cuimhne dhaoine cho brìoghmhor sa tha cultar na h-Alba agus na h-eadar-dhealachaidhean a tha an lùib a’ chultair sin. Ann an 1987 thug SMO an cothrom dhomh cùrsa samhraidh a chumail gus coimhead air ceòl fìdhle na dùthcha agus sinn a’ coimhead gu sònraichte air a’ cheangal a bh’ ann eadar an ceòl sin is cànan is dannsa. Bha sinn ag iarraidh daoine a chur gu dùbhlan, mi fhìn cuideachd, agus bha sinn airson ‘ar guth fhèin a lorg’ agus cur às dhan eagal, na claon-bheachdan, is na beachdan mearachdach a bha mun cuairt mu ar cànanan is ealain fhìn. Bha sin o chionn 26 bliadhnaichean. Tha Alba air atharrachadh gu mòr bhon uair sin. Chan eil daoine air ‘an clisgeadh’ an uiread mu chultar a-nis, tha misneachd aig daoine. Tha na h-ealain a’ soirbheachadh gu mòr. Tha daoine ann an Alba nas comasaiche air an cuid smuaintean is ealain a chur an cèill agus iad ag iarraidh a bhith nas neo-eisimeilich. Tha Sabhal Mòr air a bhith cho fìor chudromach do dh’Alba san ùine bhon a chaidh a stèidheachadh agus tha mi air leth taingeil gun robh ceangal agam ris a’ cholaiste sna bliadhnaichean cudromach seo dhan dùthaich.”
Am measg an iomadach sàr neach-ciùil eile a bhios a’ cluich no seinn air an oidhche tha Feargaidh Dòmhnallach, Christine Primrose, Mairead Stiùbhart, Seumas Greumach, Ailean Dòmhnallach, Decker Forrest, Màiri Anna NicUalraig agus Dàimh. Agus tha feadhainn den luchd-chiùil thraidiseanta as fheàrr a th’ ann an Alba a’ dol a thighinn còmhla mar ‘chòmhlan na cuirme’, leithid Ailean MacEanraig, Iain Dòmhnallach, Aonghas MacNeacail, Ingrid NicEanraig, Anndra Mac a’ Phearsain, Murchadh Camshron agus Alasdair MacIlleBhàin.
Thuirt Ailean MacEanraig, a tha na stiùiriche ciùil airson a’ chuirm-chiùil: “’S e cothrom air leth a tha seo dhan t-Sabhal Mhòr gus 40 bliadhna a chomharrachadh agus gus cuimhneachadh cho cudromach sa tha ceòl air a bhith ann an eachdraidh na colaiste. Bidh daoine tric a’ dìochuimhneachadh chan e a-mhàin gun do chuidich Sabhal Mòr Ostaig le bhith ag ath-bheothachadh ar cànain, ach gun do chuir i ri ath-bheothachadh ar ciùil dùthchasaich cuideachd. Tha àireamh iongantach de luchd-ciùil air a bhith tadhal, no teagasg, no ag ionnsachadh aig a’ cholaiste thar nam bliadhnaichean, agus bha e gu math doirbh taghadh a dhèanamh feuch am faigheamaid buidheann dhiubh a riochdachadh eachraidh is sgeulachd an t-Sabhail, ach tha mi a’ smaoineachadh gun do rinn sinn an gnothach air an sin.
“Tha sinn air leth toilichte gu bheil luchd-ciùil leithid Mícheál Ó Súilleabháin agus Alasdair Friseal gu bhith againn. Tha e dìreach a’ sealltainn an spèis a th’ aig daoine dhan cholaiste, gu bheil iad deònach pàirt a ghabhail sa chuirm-chiùil. A bharrachd air na rionnagan eadar-nàiseanta againn, bidh co-chruinneachadh de luchd-ciùil às an dùthaich againn fhìn (agus ceangal air a bhith aca uile ris a’ cholaiste) a tha cho tàlantach is cho iomraiteach is gun lìonadh iad an talla iad fhèin. Tha oidhche shònraichte gu bhith againn. Tha mi cinnteach gum bi tòrr co-obrachaidh eadar an luchd-ciùil. Tha a h-uile duine a’ coimhead air adhart ris.”
Air an aon latha aig Celtic Connections, thèid consairt shònraichte a chumail air an fheasgar aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba le feadhainn de dh’oileanaich ciùil na colaiste a’ gabhail pàirt.
Thuirt Dr Decker Forrest, Stiùiriche Prògram Ciùil SMO: “Aig a’ chonsairt feasgar Disathairne aig an RCS thèid tàlantan sònraichte nan oileanach a th’ againn air a’ BA (le urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta a thaisbeanadh. Thòisich am prògram, a tha air a theagasg gu tur ann an Gàidhlig, o chionn còig bliadhna agus mu thràth tha sinn air luchd-ceuma fhaicinn a tha air soirbheachadh gu mòr leithid Lindsay Mitchell, a bhuannaich Bonn Òir an t-Seann Nòis ann an 2009, Roya NicIllEathainn agus Murchadh Camshron. Bidh a’ chonsairt seo a’ sealltainn cho soirbheachail sa tha am prògram air a bhith, agus cuideachd bidh mar phàirt dhen chuirm mhòr a thèid a chumail san Talla Rìoghail air an oidhche.”