E-Sgoil Ghàidhlig do dh’Alba
Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig an naidheachd an-diugh gu bheil iad air taic-airgid a chur mu choinneamh sgoil-lìonra ùr do dh’Alba, E-Sgoil.
Chaidh an naidheachd fhoillseachadh le Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig aig an t-Seiminear mun Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig airson 2017-22 ann an Dùn Èideann a tha ga chumail gus còmhraidhean a thòiseachadh mun treas Plana Nàiseanta airson na Gàidhlig.
Tro E-Sgoil, thèid àrainneachd ionnsachaidh air-loidhne a dhealbh agus a chruthachadh a nì ceanglaichean, an-toiseach, eadar gach àrd-sgoil sna h-Eileanan Siar agus ann an àiteachan eile. Bheir e cothrom nas fheàrr do sgoilearan air cuspairean, na roghainnean a th’ ann a thaobh dhreuchdan agus air cothroman ionnsachaidh air feadh àrd-sgoiltean na dùthcha far a bheil foghlam tron Ghàidhlig. Bheir E-Sgoil an comas do thidsearan leasanan is stuthan-teagaisg a roinn le tidsearan eile, às bith càit a bheil iad ann an Alba, agus bidh e cuideachd mar mheadhan air cuid a chlasaichean agus chuspairean a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig ann an sgoiltean far nach eil cothrom air na cuspairean sin an-dràsta ann an Gàidhlig.
Thuirt Brus Robasdan, Ceannard Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, agus e a’ cur fàilte air an naidheachd: “Tha feum air goireas Gàidhlig a bhios na sgoil-lìonra agus a bheir an cothrom do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, luchd-oideachaidh agus an luchd-taice am feum as motha as urrainnear a dhèanamh de theicneòlas ann a bhith coileanadh grunn thoraidhean foghlaim, gu h-àraidh na feadhna co-cheangailte ris a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais. Bheir an E-Sgoil barrachd chothroman don a h-uile sgoilear, ach gu h-àraidh an fheadhainn a tha a’ dèanamh chùrsaichean tron Ghàidhlig san àrd-sgoil, tàirngidh e luchd-foghlaim còmhla gu bhith nan coimhearsnachdan oideachaidh proifeiseanta, agus bheir e cothrom do phàrantan is luchd-compàirt ann am foghlam taic a thoirt do sgoilearan Gàidhlig. Bidh e mar mheadhan cuideachd gus feum nas fheàrr a dhèanamh de na tidsearan a th’ againn, gheibh tidsearan cothrom taic a chumail ri càch a chèile agus gabhaidh clàr-ama coitcheann a chur an sàs.”
Tha Bòrd na Gàidhlig air £140,000 a chur mu choinneamh a’ phròiseict a thèid a chosg thairis air dà bhliadhna ionmhais.