
Oileanaich ciùil an t-Sabhail a’ taisbeanadh an cuid thàlantan aig Fèis Pan-Cheilteach
Chaidh an 47mh Fèis eadar-nàiseanta Pan-Cheilteach a chumail am bliadhna ann an Leitir Ceanainn, Dùn nan Gall, Èirinn bhon 3–8 Giblean agus bha oileanaich bhon chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig an làthair is iad a’ riochdachadh Alba ann an grunn fharpaisean is thachartasan.
‘S e fèis bhliadhnail a tha seo far am bi riochdairean às Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, Eilean Mhanainn, A’ Chòirn agus a’ Bhreatainn Bhig a’ tighinn cruinn còmhla airson seachdain làn òrain, dannsa, cànain, cultair agus craic.
Chaidh naoinear oileanach bho SMO ann, an cois Stiùiriche a’ Chùrsa, Dr Decker Forrest, a dh’fhosgail a’ chiad oidhche den Fhèis oidhche Mhàirt. A bharrachd orrasan, bha còisirean, seinneadairean is luchd-ciùil Albannach eile ann, agus a’ cluich gach oidhche bha Raibeart agus Ailean Nairn, à sgìre Àrd nam Murchan, a tha gu cunbhalach a’ dol ann mar chòmhlan ciùil na Fèis.
Tron t-seachdain bha mòran uallachaidh aig na h-oileanaich ri dhèanamh, a’ deisealachadh airson fharpaisean is eile, a’ gabhail pàirt annta, a’ cluich air an àrd-ùrlar aig consairtean agus anns na taighean-seinnse. Chuir iad gu mòr ris an Fhèis agus fhuair iad cothroman luachmhor am measg farsaingeachd de luchd-ciùil às na diofar cheàrnaidhean Ceilteach.
B’ e Farpais Òran Eadar-nàiseanta an fharpais a bu mhotha den t-seachdain anns an robh gach dùthaich an sàs agus chaidh a craoladh beò air TG4 bho thalla làn. ‘S e gnothach mòr dha-rìribh a th’ anns an fharpais seo agus rinn Sabhal Mòr Ostaig math fhèin a’ tighinn san treas àite. A’ bruidhinn mun fharpais, thuirt Dr Decker Forrest: “Ghlèidh sinn an treas àite, às dèidh Èirinn agus a’ Chòirn, le òran a chaidh a sgrìobhadh le Rody Gorman airson an 70mh co-latha breith aig John Purser a chomharrachadh. ‘S i Christine Primrose a chuir fonn ris, is mar sin, b’ e com-pàirteachas dha rìribh a bh’ ann agus chòrd e ris na bha an làthair, gach cuid an luchd-èisteachd agus na britheamhan.”
Ghlèidh Hannah NicRath, à Sgìre Loch Abair, a’ chiad duais anns an fharpais chiùil airson na fìdhle ann an roinn nan inbheach. Cuideachd, chaidh a’ chiad duais ann am farpais na Clàrsaich fo aois 18 a bhuileachadh air Anna NicNeacail à Stafainn, a tha an sàs ann an Comann na Clàrsaich.
Thuirt Dr Forrest: “‘S e rud mòr a bh’ ann gun do choisinn Hannah NicRath ann an co-fharpais na fìdhlearachd do dh’inbhich agus tha i air cliù a chosnadh an dà chuid dhi fhèin agus don t-Sabhal Mhòr. Coltach ris na co-fharpaisean eile aig an fhèis bha cuid den luchd-ciùil as fheàrr às na sia dùthchannan Ceilteach an sàs. Chluich i le smachd air an fhidhill, le sgil agus le liut ainmeil taobh siar na Gàidhealtachd a choisinn molaidhean laghach bhon bhritheamh mus do leugh e na toraidhean a-mach.”
A bharrachd air a sin, chluich Hannah NicRath agus Lauren Byrne còmhla san fharpais chiùil, ghabh Amy NicAoidh, às na Hearadh, pàirt san fharpais Seinn Traidiseanta Aon-neach agus ghabh na h-oileanaich gu lèir pàirt san fharpais Seinn Traidiseanta ann am Buidheann.
Bidh na h-oileanaich ciùil a’ dèanamh air Glaschu a dh’ aithghearr airson cluich aig an tachartas bhliadhnail a th’ air a chur air dòigh le Ceòl is Craic, ‘Ceòl Mòr Ostaig’ aig CCA air Sràid Sauchiehall. Bidh an consart ann Disathairne 28mh An Giblean le ceòl is òrain bhon a’ Chùrsa Ciùil agus luchd-ealain eile a lethid Màiri Anna Nic Ualraig, SIAN (Eilidh NicCarmaig, Ellen NicDhòmhnaill is Ceitlin Nic a’ Ghobhainn) agus Murdo L. Tha tiocaidean rin ceannach an seo.