Skip to content
SMO Generic Banner Image

Dawn Steele & Sanjeev Kohli am measg nan rionnagan a’ toirt seachad duaisean nàiseanta Film na Gàidhlig



Best Young Filmmaker - Ross-McKenzieNochd rionnagan mòra telebhisein ann an Glaschu air Dihaoine 19 Gearran airson duaisean a thoirt seachad aig cuirm mhòr Duaisean Nàiseanta Film na Gàidhlig.

Bha MG ALBA, Seirbheis Mheadhanan na Gàidhlig, a’ comharrachadh co-fharpais FilmG eile a bha fìor shoirbheachail, a chaidh sruthadh beò air an eadar-lìon airson a’ chiad turais a-riamh.

Chaidh a’ chuirm a chumail aig The Old Fruitmarket, ann an Glaschu agus b’ iad Fiona NicCoinnich, preasantair BBC ALBA, agus an craoladair telebhisein is rèidio, Niall Iain Dòmhnallach, bean agus fear an taighe.

Am measg nan aoighean aig a’ chuirm bha a’ bhana-chleasaiche Albannach, Dawn Steele,’s i Dr Annie Jandhu ann an River City agus an lighiche-sprèidh Alice Trevanion ann an Wild at Heart air ITV, ged a bhios cuimhne aig cuid oirre mar Lexie anns an dràma Monarch of the Glen. Cuide ri Dawn bha an cleasaiche ainmeil Sanjeev Kohli a dh’aithnicheas mòran mar Navid anns a’ chomadaidh chliùiteach Still Game.

Bha an stiùiriche Don Coutts, a ghlèidh duais BAFTA airson a chuid obrach air Katie Mòrag, an sgrìobhaiche film Sergio Casci a choisinn cliù air The Caller agus American Cousins, an neach-craolaidh ainmeil Cathy NicDhòmhnaill, Donnie Dotaman MacLeòid, an neach-aithris sìde air BBC Scotland is BBC Alba Anne Lundon, rionnag River City Jordan Young, an sàr chluicheadair rugbaidh Chris Paterson agus Ministear Riaghaltas na h-Alba airson Ionnsachadh Fad-bheatha, Saidheans is Cànanan na h-Alba, Dr Alasdair Allan, uile am measg na bha a’ toirt seachad nan duaisean.

Thuirt an cleasaiche, Dawn Steele: “‘S e seo a’ chiad turas a thadhail mi air Duaisean FilmG agus tha e anabarrach math a bhith an sàs ann an tachartas òg is beòthail mar seo. Tha a h-uile pàirt chultarail de dh’Alba cudromach agus tha mi fhìn an dòchas gun toir FilmG a mhisneachd a leigeas le daoine òga cumail orra leis a’ Ghàidhlig agus le barrachd fhilmichean math. Meal-a-naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt ann.”

Thuirt an cleasaiche, Sanjeev Kohli: “Tha e math a bhith air ais aig duaisean sgoinneil FilmG agus a’ faicinn tàlant Gàidhlig na bliadhna a’ buannachadh an cuid dhuaisean. Cha d’ fhuair mi mòran chothroman am-bliadhna air mo chuid Gàidhlig a chur gu feum mar sin’s e seo a bha a dhìth orm airson toirt orm na leabhraichean gràmair a thoirt a-mach a-rithist. Cha leig mi leis na daoine òga comasach seo an gnothach a dhèanamh ormsa! Ach an da-rìreabh, meal-a-naidheachd air a h-uile duine a bha an sàs ann, bha oidhche sgoinneil agam fhìn.”

B’ e’Cliù’ cuspair na bliadhna sa agus phiobraich e grunn luchd-film ann an Roinn na h-Òigridh (aois 12 – 17) agus an Roinn Fhosgailte (18 is nas sine) agus chaidh 78 filmichean uile gu lèir a chur don fharpais. 

B’ e an còmhlan traidiseanta ùr, The League of Highland Gentlemen, a bha a’ cluich air an àrd-ùrlar aig a’ chuirm, a ghlèidh a’ phrìomh duais airson Film Èibhinn As Fheàrr.

Bidh Seonaidh Mac an t-Saoir, Ross MacUilleim, Eòghainn MacEanraig agus Alec Dalglish a tha anns a’ chòmhlan, The League of Highland Gentlemen, gu bitheanta a’ dèanamh bhideo èibhinn, spòrsail an lùib an cuid ciùil agus an turas seo rinn iad film goirid a bha fìor èibhinn dha FilmG. Tha am film aca,’Seachdain gun Seòladh’ mar aoir stèidhichte air an t-slighe aiseig eadar Malaig agus Loch Baghasdail. Tha sinn a’ leantainn na h-aiseig, an’Loch Never’, fhad’s a tha i a’ seòladh eadar Sràid Mhalaig agus Sràid Uibhist ach air sgàth diofar adhbharan cha bhi i uair sam bith a’ ruigsinn Loch Baghasdail. 

Tha a’ cho-fharpais a’ brosnachadh ginealaich ùir a thighinn an sàs ann an cruinneachadh bhideo didseatach airson a thaisbeanadh air-loidhne agus dhrùidh maith nam filmichean air na britheamhan gu h-àraid ann an Roinn na h-Òigridh anns an robh 54 filmichean, an àireamh as àirde a-riamh. Bha àrdachadh san àireamh de luchd-film òg a rinn filmichean air na fònaichean-làimh aca a tha mar thoradh air ruigsinneachd agus taobh eadar-obrachail na co-fharpais.

Ghabh sgoilearan às a h-uile ceàrnaidh den dùthaich pàirt ann agus ghlèidh Àrd-sgoil Greenfaulds, Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig, Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich prìomh duaisean na h-oidhche.

B’ e Ross MacCoinnich (14) às an Eilean Sgitheanach, a tha san treas bliadhna aig Àrd-sgoil Phort Rìgh, a bhuannaich’Neach-film Òg As Fheàrr’. Bha am film aig Ross, a sgrìobh e, a stiùirich e agus anns an robh e na chleasaiche, aig ìre fìor àrd, film eucoireach a chaidh filmeadh air an oidhche le dìreach beagan taic bho athair a bha na tripod dha ann an cuid a dh’àiteachan san fhilm.

Thuirt Dr Alasdair Allan, Ministear airson Ionnsachaidh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba: “Tha dleastanas cudromach an lùib fhilmichean a thaobh àite tèarainte a chruthachadh don Ghàidhlig, le bhith a’ taisbeanadh a’ chànain do dhaoine ùra. Chòrd an liut, an dealas agus am mac-meanmna a chuireadh gu feum ann am filmichean Gàidhlig na co-fharpais seo. Mar a chithear anns na filmichean a chaidh ainmeachadh am-bliadhna, tha ìre nam filmichean Gàidhlig a’ sìor-dhol am feabhas.

“Tha mi a’ guidhe meal-a-naidheachd air MG ALBA, Cànan, luchd-taic, luchd-maoineachaidh agus a h-uile duine eile a bha an sàs. Tha mise moiteil à Riaghaltas na h-Alba a tha ag ao-obrachadh le MG ALBA is sinn a’ cumail taic ris na duaisean seo.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA: “‘S e amas FilmG a bhith a’ brosnachadh dhaoine às bith dè an aois a tha iad agus iad a’ cruthachadh susbaint dhidseatach ùr ann an Gàidhlig agus bha e na thlachd mhòr dhuinn a-rithist an ìre de dh’fhilmichean a fhuair sinn anns gach roinn.’S e rud spòrsail a th’ anns a’ cho-fharpais sa chiad dol a-mach ged a tha i a’ toirt cothroim do luchd-film cliù is buannachd a chosnadh às na cothroman a tha ri fhaighinn ann am meadhanan agus gnìomhachasan cruthachail na Gàidhlig.

“Tha a’ cho-fharpais air a dhol am meud thar nan ochd bliadhna agus tha i a’ sìor-dhol nas eadar-obrachail agus nas iomchaidh do na ginealachan òga tro shianalan air-loidhne. B’ e amas na bliadhna gun rachadh Gàidheil òga a-mach air an ceann fhèin agus am filmichean fhèin a dhèanamh mar a rinn Ross, a bhuannaich Neach-film Òg As Fheàrr, agus a tha na dheagh eisimpleir den tàlant a tha sinn airson brosnachadh sna bliadhnaichean ri teachd.

“Bu mhath leinn meal-a-naidheachd a chur air a h-uile duine a choisinn duais agus a h-uile duine a bha an sàs am-bliadhna a mholadh fhad’s a chumas sinn oirnn a’ lorg tàlant cruthachail ùr na Gàidhlig.”

Chithear an liosta den fheadhainn a shoirbhich ann an 2016 gu h-ìosal agus tha a h-uile film a bha ann an co-fharpais na bliadhna ri fhaicinn air-loidhne aig http://www.filmg.co.uk.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578