
Fosgladh taisbeanadh iomraiteach Air Iomlaid san Eilean Sgitheanach
Thèid taisbeanadh ealain air leth fhosgladh ann an Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig, air an deireadh-seachdain seo, anns am bi an t-saothair àraid aig clann aig aois na bunsgoile à dà sgìre an Alba a tha gu tur eadar-dhealaichte.
Chithear toraidhean a’ phròiseict fhoghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a mhair bliadhna gu leth a chuir The Fruitmarket Gallery air chois agus anns an robh sgoilearan à Bun-sgoil Shlèite agus Bun-Sgoil Chrois na Cìse, Dùn Èideann an sàs.’S e an neach-ealain, Julie Brook, a chruthaich am pròiseact, a thug cothrom don chloinn coimhead air agus dealbhan a tharraing den bhaile mhòr is den mhonadh ann an Dùn Èideann agus san Eilean Sgitheanach, a’ leasachadh na dàimh aca leis na tha timcheall orra fhèin agus leis na tha timcheall air an caraidean air iomlaid.
Bha còrr is 100 sgoilear Gàidhlig às an dà sgoil an sàs anns a’ phròiseact ealain ionmholta, Air Iomlaid, is iad ag obair còmhla ri chèile air na dealbhan is an eòlas aca thar deagh astar, a’ cur an teicneolas as ùire an sàs mus do rinn iad cèilidh air iomlaid. Thòisich am pròiseact sa Mhàrt 2009 is dh’fheuch e ri na sgoilearan a bhrosnachadh ann a bhith a’ sgrùdadh na sgìre a tha timcheall orra fhad’s a bha iad a’ cur ri an cuid briathrachais sa Ghàidhlig.
Tha ceithir dealbhan mòra 3m x 6m san taisbeanadh a’ sealltainn na dà sgìre tro shùilean nan sgoilearan. Tha còrr is 16,000 neach air tadhail air Air Iomlaid aig The Fruitmarket Gallery an Dùn Èideann on a chaidh a thaisbeanadh aig toiseach a’ Ghiblein.
Thuirt Ceannard Alba Cruthachail, Andrew Dixon, a thug sùil air an taisbeanadh nuair a thàinig e gu Sabhal Mòr Ostaig:”S e Pròiseact foghlaim air leth a tha seo. Tha obair àraid an luchd-ealain òga seo air dealbh de fhear de na bailtean as ainmeile san t-saoghal a tharraing còmhla ri sgìrean ciatach an Eilein Sgitheanaich is na Gàidhealtachd.’
Bidh Air Iomlaid ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach eadar Disathairne 5 an t-Ògmhios agus 25 an t-Iuchar 2010. Theirig gu http://www.smo.uhi.ac.uk airson an tuilleadh fiosrachaidh.